Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Gàidhlig > Leughadh > Sgeulachd

Gàidhlig

Sgeulachd

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Bheir an grèim ath-sgrùdaidh seo cothrom sgilean leughaidh a leasachadh aig an Ìre Choitchinn.

Sgeulachd

Leughadh: Glacte

Bha mi air mo ghlacadh ann an solas làidir geal a bha a’ deàrrsadh a-nuas orm. Cha b’ e seo a’ chiad turas a thachair e dhomh anns an t-saoghal san robh mi beò a-nis.

Bha mi air ionnsachadh gum b’ e an rud a b’fheàrr a dhèanamh fuireach far an robh mi gus an d’ rachadh sguab an t-solais seachad orm. An uair sin dh’fhaodainn mo shlighe a dhèanamh dhan taobh thall agus biadh fhaighinn dha mo chuideachd.

A h-uile oidhche bha agam ri seo a dhèanamh. A-raoir chaidh deagh charaid dhomh a mharbhadh. Dh’fheuch e ri ghluasad a-mach às an t-solas, ach ged a rinn e sin chaidh a leagail gu làr. Tha a chorp ann an seo fhathast, beagan shlatan air falbh bhuam.

Sin an solas seachad a-nis. Feumaidh mi ruith. Bidh an ath sholas a’ deàrrsadh an ceann mionaid no dhà. Tha a’ bheatha seo làn de chunnartan. Chan eil càil a dh’fhios agad cuin a thig càr le trì cuibhlichean agus an uair sin chan eil dol às agad. ’S e beatha chunnartach a tha ann am beatha gràineig.

Seo deich ceistean. Leugh an earrainn agus freagair na ceistean.

Ceist

1. Dè an suidheachadh anns a bheil an sgrìobhadair?

Freagairt

Bha e glacte ann an solas làidir geal a bha a’ deàrrsadh a-nuas air.

Mar as trice bidh a’ chiad cheist a’ dèiligeadh ri rudeigin anns a’ chiad sheantans no dhà.

Ceist

2. Ciamar a tha fios againn gun do thachair seo roimhe?

Freagairt

Tha e ag ràdh nach b’ e seo a’ chiad turas a thachair e dha.

Ceist

3a. Dè rinn e?

Freagairt

Dh’fhuirich e far an robh e gus an deach sguab an t-solais seachad air.

Tha e nas fheàrr barrachd fiosrachaidh a chur ann, an àite nas lugha. Gu h-àraidh ma tha barrachd air aon chomharra ann airson na ceist.

Ceist

3b. Carson a rinn e sin?

Freagairt

Bha e air ionnsachadh gum b’ e sin an rud a b’fheàrr a dhèanamh.

Nuair a tha ceist (a) agus (b) ann, faodaidh tu a bhith cinnteach gu bheil na freagairtean bhon aon phàirt den earrainn.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.