Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Gàidhlig > Leughadh > Eachdraidh-beatha

Gàidhlig

Eachdraidh-beatha

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Bheir an grèim ath-sgrùdaidh seo cothrom sgilean leughaidh a leasachadh aig an Ìre Choitchinn.

Eachdraidh-beatha

Leughadh: Eachdraidh-beatha

Tha Seonag NicShimidh na h-annas do mhòran oir tha i ag obair mar neach-togail, gnìomhachas anns a bheil a’ mhòr-chuid fireann. Chan eil ise air a bhith ag obair ann an oifis no bùth, ’s ann a tha i nas toilichte a bhith a’ togail thaighean, oifisean agus bùthan.

Tha Seonag a-nis 50 agus fad bhliadhnaichean tha i air a bhith a’ siubhal na dùthcha a’ sireadh obair air làraichean togail. Chan eil e gu diofar dhise dè an seòrsa aimsir a tha ann, fliuch no fuar, grian no dìle, tha i toilichte a bhith ag obair còmhla ri a co-obraichean.

Tha fòn-làimhe, cù agus gps anns a’ bhan-champaidh aice. ’S iad sin na caraidean dlùth aice. Tha i air a bhith pòsta dà thuras agus air dealachadh dà thuras cuideachd. Tha ‘Rocky’, an Abhag Sgitheanach, a’ dol còmhla rithe don h-uile àite. Thuirt i, 'Cheannaich mi an cù aon Disathairne agus Diluain bha i còmhla rium anns a’ chàr aig làrach ann an Sasainn.'

Thuirt Seonag nach b’ urrainn dhi smaoineachadh air beatha na b’fheàrr. Ma nì thu d’ obair gu math, cosnaidh tu deagh spèis an luchd-obrach.

Chaidh fhaighneachd dhi dè dhèanadh i nuair a leigeadh i dhi a dreuchd. Fhreagair i gun robh carabhan mòr aice ann an Cill Rìmhinn agus gum bu thoigh leatha fuireach ann an sin nuair nach b’ urrainn dhi obair a dhèanamh tuilleadh.

Seo deich ceistean. Leugh an earrainn agus freagair na ceistean.

Ceist

1. Carson a tha Seonag NicShimidh na h-annas do mhòran?

Freagairt

Tha i ag obair mar neach-togail.

Tha am facal annas a’ toirt dhuinn stiùireadh airson a' cheist seo a fhreagairt. Le sin, bidh sinn a’ coimhead airson fiosrachadh bhon earrainn a tha gu math faisg air an fhacail seo.

Ceist

2. Dè a tha annasach mun rud a tha i a’ dèanamh?

Freagairt

’S e fireannaich a tha anns a’ mhòr-chuid sa ghnìomhachas seo.

Ceist

3. Dè tha a’ toirt toileachas dhi?

Freagairt

A bhith a’ togail thaighean, oifisean agus bùthan.

Tha am facal toilichte san earrainn a’ toirt stiùireadh gu bheil am freagairt faisg.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.