Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Gàidhlig > Labhairt > Eisimpleirean de chòmhradh

Gàidhlig

Eisimpleirean de chòmhradh

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Seo cuibhreann de labhairt aig Sàr-Ìre agus an Ìre-Mheadhanach a dh’fhaodadh a bhith ann eadar sgoilear agus tidsear. Chì thu gu bheil Màiri a’ mìneachadh chùisean gu math.

Sàr-Ìre - Pàirt den òraid

‘S e an cuspair a tha aig an sgoilear: Tha ceòl cudromach.

Airson an stuth seo fhaicinn, feumar an dà chuid Javascript agus Flash a chuir a dhol.

Tidsear: Madainn mhath, a Mhàiri. Tha thu a’ dol a thoirt do bheachdan air a’ chuspair, Tha ceòl cudromach. Siuthad ma-thà. Inns dhomh dè do bheachdan air a’ chuspair.

 

Màiri: Madainn mhath.

Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil ceòl cudromach. Tha ceòl a’ dol agamsa bho mhoch gu dubh. Nuair a dh’èireas mi sa mhadainn bidh mi a’ cur air an cluicheachdair mp3 agam. Tha docking station ri taobh mo leapa agus tha ceòl a’ tighinn air aig a seachd a h-uile madainn airson mo dhùsgadh. Mar as trice ‘s e Runrig a bhios gam mo dhùsgadh leis an òran aca Skye. Is fìor thoigh leam e.

Nuair a bhios mi a’ gabhail mo bhracaist bidh ceòl a’ cluich air Radio 1. Chì sibh gu bheil ceòl den h-uile seòrsa a’ còrdadh rium, cho fad ’s a tha e ceòlmhor. Cha toigh leam ceòl a tha gleadhrach.

Air a’ bhus dhan sgoil sa mhadainn cha bhi mi fhìn ’s mo chàirdean a’ bruidhinn—tha e ro thràth. Bidh sinn ag èisteachd ris na cluicheachdairean mp3 againn. Is dòcha còmhlan Albannach no is dòcha còmhlan Èireannach…

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.