Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Gàidhlig > Gràmar > Cuin a bhios mi a’ cleachdadh gam, gad...?

Gàidhlig

Cuin a bhios mi a’ cleachdadh gam, gad...?

Cuin a bhios mi a’ cleachdadh gam, gad...?

Tha gam, gad, ga, gar, gur, gan nan roimhearan leasaichte.

  • Faodaidh sinn an roimhear leasaichte (gam, gad, ga) a chleachdadh an àite ainmeir.

    Ma tha sinn airson seantans mar Tha mi a’ glanadh a’ chàr a ghiorrachadh le bhith a’ cleachdadh an roimhear leasaichte ‘ga’ feumaidh sinn structar an t-seantans atharrachadh gu Tha mi ga ghlanadh.

  • Feumaidh sinn an roimhear leasaichte ‘ga’ a chur air beulaibh a’ glanadh agus chan ann às a dhèidh, m.e.

    Tha 'Tha mi a’ glanadh a’ chàr.' ag atharrachadh gu 'Tha mi ga ghlanadh.'

  • Feumaidh sinn a ràdh: Tha mi ga ghlanadh. Cha bhiodh e ceart a ràdh: Tha mi a’ glanadh e.

  • Tha ‘ga’ anns an t-seantans seo a’ tighinn bho a bhith a’ cur aig+a còmhla agus tha sin a’ toirt dhuinn ‘ga’.

    Tha, ‘Tha mi ga ghlanadh a’ ciallachadh gu litireil ann am Beurla ‘I am at the cleaning of it.’

    Tha, ‘Tha e a’ glanadh na h-uinneig.’ ag atharrachadh gu ‘Tha e ga glanadh.’ (Cuimhnich nach bi sinn a’ cur h a-steach dhan fhacal ‘glanadh’ a chionns gur e facal boireann a tha ann an ‘uinneag’.)

Nise feuch air deuchainn ghoirid.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.