Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Gàidhlig > Gràmar > An tràth caithte agus an tràth teachdail

Gàidhlig

An tràth caithte agus an tràth teachdail

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Chan e rud doirbh a tha ann an tràth caithte agus an tràth teachdail a chruthachadh ann an Gàidhlig. Ma tha fios agad air freumh a’ ghnìomhaire, faodaidh tu na tràthan eile a chruthachadh.

An tràth caithte

  1. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a’ tòiseachadh le connrag, cuir h an dèidh na connraig dhùin.

    Tha trì litrichean nach eil a’ leantainn an riaghailt seo l, n, no r. Chan urrainn dhuinn h a chur an dèidh nan litrichean sin ann an Gàidhlig

    Le sin tha an tràth caithte airson laigh, nigh is ruith a’ coimhead an aon rud ris an fhreumh.

  2. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a’ tòiseachadh le fuaimreag, cuir dh' air beulaibh na fuaimreig anns an fhreumh m.e. òl gu dh'òl

  3. Gus an tràth caithte a chruthachadh bho ghnìomhairean a tha a’ tòiseachadh le f+fuaimreag cuir dh' air beulaibh an f agus cuir h an dèidh an f, m.e. fuirich gu dh'fhuirich.

Feuch iad seo

Gnìomhairean a’ tòiseachadh leis na connragan b, c, d, g, m, p, s, t

FreumhAn tràth caithte
brisbhris
cuir
dùin

gabh

mill

pòs
suidh
tog

Gnìomhairean a’ tòiseachadh leis na connragan l, n, r

FreumhAn tràth caithte
las
nigh
ruith

Gnìomhairean a’ tòiseachadh le fuaimreag.

FreumhAn tràth caithte
aithnich

èirich

ith
òl
ullaich

Gnìomhairean a’ tòiseachadh le f+fuaimreag

FreumhAn tràth caithte
fuirich
falaich
faighnich
  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.