Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Gàidhlig > Èisteachd > Peataichean (Meadhan Ìre)

Gàidhlig

Peataichean (Meadhan Ìre)

Air Ais

Bheir an grèim ath-sgrùdaidh seo cothrom sgilean èisteachd a leasachadh aig an Ìre Choitchinn.

Peataichean

Seo deich ceistean. Èist ris an earrainn agus freagair na ceistean.

Airson an stuth seo fhaicinn, feumar an dà chuid Javascript agus Flash a chuir a dhol.

 

Ceist

1. Cò bha ann am Bobaidh?

Freagairt

B’ e cù beag a bha ann am Bobaidh, no Abhag Sgìtheanach.

'S e ceist gu math furasta a tha seo airson tòiseachadh. Faodaidh tu cù beag no Abhag Sgìtheanach a chur sìos. Ma tha teagamh sam bith agad a thaobh dè bu chòir dhut a chur sìos, tha e nas fheàrr an dà rud a chur sìos airson a bhith sàbhailte.

Ceist

2. Dè an ceangal a bha ann eadar Bobaidh agus Iain Glas?

Freagairt

B’ e Bobaidh an caraid a b’fheàrr a bha aig Iain Glas.

Tha thu a’ coimhead airson fiosrachadh a tha ag ainmeachadh ceangal eadar Iain Glas agus Bobaidh.

Ceist

3. Càite an deach Iain Glas no Seann Seoc a thiodhlacadh?

Freagairt

Ann an Cladh nam Manach Liath ann an Dùn Èideann.

Tha thu a’ coimhead airson an fhacail tiodhlacadh anns an earrainn airson fiosrachadh fhaighinn.

Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.