Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Eachdraidh > Na Stàitean Aonaichte 1850 gu 1880 > Innseanaich nan Raointean Mòra

Eachdraidh

Innseanaich nan Raointean Mòra

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Tha eòlas air dòigh-beatha Innseanaich nan Raointean uabhasach feumail airson Bun Ìre, Meadhan Ìre agus Sàr Ìre. Seo pàirt dhen phrìomh fhiosrachadh mu Innseanaich nan Raointean agus mar a bha iad beò:

Mar a bha Innseanaich nan Raointean beò

  • Bhiodh Innseanaich nan Raointean a' gluasad bho àite gu àite, a' leantainn nan treudan bhuabhall a bha iad a' sealg.
  • Nuair a bhiodh iad a' sabaid, bhiodh gaisgich Innseanaich nan Raointean a' toirt leotha craiceann cinn an nàimhdean airson urram fhaighinn. Ach 's dòcha cuideachd dìreach gum buaileadh iad an nàmhaid air a cheann le maide seach a mharbhadh nuair a bhiodh iad a' sabaid; b' e 'coup cunntaidh' a chanadh iad ris an seo.
  • Bha na h-Innseanaich a' toirt spèis do sheann daoine oir bha iad dhen bheachd gun robh iad air fàs glic tro fhèin-fhiosrachadh. Tha fios againn gun robh boireannaich air am meas cudromach ann an coimhearsnachd nan Innseanach oir, ged nach robh mòran chòraichean aca, bhiodh am boireannach a' cumail a h-uile càil nam biodh sgaradh pòsaidh ann agus gun cuireadh am fear bhuaithe i.
  • Bhathar a' sùileachadh gum biodh clann modhail bho aois glè òg, ach bha gràdh agus caoibhneas gan nochdadh dhaibh.
  • Bha Innseanaich nan Raointean a' creidsinn ann an Spiorad Mhòr, Wakan Tanka.
  • Bha Innseanaich nan Raointean a' creidsinn gum b' e an talamh am 'màthair' agus gum buineadh e dha gach creutair a bha ga chleachdadh.
  • Bhiodh deas-ghnàth aca, air an robh an Dannsa Grèine, airson urram a thoirt dhan ghrèin. Bhiodh iad a' cumail seo as t-samhradh. Bha structar aca le pòla sa mheadhan a bha a' samhlachadh na grèine.
  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.