Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Eachdraidh > An Ruis 1914 gu 1941 > Ar-a-mach an Dàmhair 1917

Eachdraidh

Ar-a-mach an Dàmhair 1917

Tha feum air an fhiosrachadh san ath-sgrùdadh seo aig Meadhan Ìre agus aig Sàr Ìre.

Ar-a-mach an Dàmhair 1917

Cuidichidh an duilleag ath-sgrùdaidh seo thu gu bhith a' tuigsinn nan adhbharan a chaidh aig na Bolsheviks air cumhachd a ghlacadh san Dàmhair 1917. Cuimhnich gur e Ar-a-mach na Samhna a th' air an seo ann an cuid de leabhraichean, air sgàth 's mar a bha am mìosachan san Ruis eadar-dhealaichte bho na mìosachain sa chòrr dhen Roinn Eòrpa. Seo cuid dhe na h-adhbharan a fhuair na Bolsheviks air cumhachd a ghlacadh san Dàmhair 1917.

Gràin aig Daoine air an Riaghaltas Shealach

Bha an Riaghaltas Sealach lugha air daoine. Dh'fhaillich orra stad a chur air a' chogadh. Bha daoine a' cur na coire orra airson biadh a bhith gann agus airson prìsean a dhol suas. Cha do chùm iad taghadh airson gum faigheadh muinntir na Ruis an riaghaltas fhèin a thaghadh. Ghabh na Bolsheviks brath air a' ghràin a bha aig daoine air an Riaghaltas Shealach agus fhuair iad barrachd taic air a shàillibh.

Bha Sobhiet Phetrograd cumhachdach

Bha aig an Riaghaltas Shealach ri cumhachd a roinn còmhla ri Sobhiet Petrograd. B' e comhairle de luchd-obrach agus de shaighdearan a bha an sin. Bha smachd aca air roinnean mòra dhen arm agus dhen nèibhi ann am Petrograd agus mu chuairt. Bha an sobhiet os cionn an rèile agus seirbheisean puist agus teileagraf. Bhiodh iad a' toirt òrdain do shaighdearan agus do dhaoine cudromach eile gun chead on Riaghaltas Shealach.

Lenin a' tilleadh

B' e Lenin ceannard nam Bolsheviks. Thill e dhan Ruis sa Ghiblean 1917. Thòisich e air iomairt an aghaidh an Riaghaltais Shealaich. Gheall Lenin crìoch a chur air a' chogadh, talamh a thoirt dhan luchd-tuath, smachd a thoirt dhan luchd-obrach air na factaraidhean, smachd a chumail air na bancaichean agus cumhachd a thoirt do shobhietan (comhairlean), luchd-obrach is shaighdearan a chaidh a stèidheachadh air feadh na Ruis.

Ar-a-mach Kornilov ga chur fodha leis A' Gheàrd Dhearg

Bha an Seanalair Kornilov na Phrìomh Cheannard air Arm na Ruis ann an 1917. Cha robh e toilichte le planaichean cogaidh an Riaghaltais Shealaich. San t-Sultain 1917, thug Kornilov òrdan dha na feachdan aige mèarrsadh air Petrograd. Bha e airson smachd a ghabhail air an Riaghlatas Shealach agus cur às do Shobhiet Petrograd. B' fheudar do cheannardan an Riaghaltais Shealaich cuideachadh iarraidh air Geàrd Dearg nam Bolsheviks' gus Petrograd a dhìon. Chaidh Kornilov a chur an grèim. Dh'fhàs am mòr-shluagh na bu mheasaile air na Bolsheviks. Bha mòran aonadan de shaighdearan armaichte fo smachd nam Bolsheviks.

Comataidh Ar-a-mach Armailteach ga stèidheachadh

Thòisich na Bolsheviks ag ullachadh airson smachd a ghabhail air Riaghaltas na Ruis. Chaidh Comataidh Ar-a-mach Armailteach a stèidheachadh airson an t-ar-a-mach a phlanadh. Chaidh Trotsky a chur os cionn iomairt nam Bolsheviks gus cumhachd a ghlacadh. Chaidh buill-airm a thoirt do luchd-obrach. Bha mòran shaighdearan a' toirt taic dha na Bolsheviks. Dhiùlt saighdearan eile sabaid airson an Riaghaltas Sealach a dhìon. Fhuair na Bolsheviks smachd air àitichean cudromach timcheall air Petrograd. Chaidh a' mhòr-chuid de cheannardan an Riaghaltais Shealaich a chur an grèim. Air 26 Dàmhair bha na Bolsheviks air smachd fhaighinn air Petrograd agus fhuair iad smachd air Moscow an dèidh sin.

 

Cliog airson èisteachd ri deasbad mu Lenin eadar neach-eachdraidh Ameireaganach agus neach-eachdraidh Ruiseanach.

Airson an stuth seo fhaicinn, feumar an dà chuid Javascript agus Flash a chuir a dhol.

Riochd sgrìobhte

 

Nise feuch Deuchainn Ghoirid

Coimhead

A hand lighting a candle.

Class Clips

Earrann bhidio mun smachd mhòr a bh' aig an t-Aonadh Shobhieteach air a' phobuill (ann am Beurla).

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.