Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Eachdraidh > An Ruis 1914 gu 1941 > Adhbharan Ar-a-mach a' Ghearrain 1917

Eachdraidh

Adhbharan Ar-a-mach a' Ghearrain 1917

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Cuidichidh an duilleag ath-sgrùdaidh seo thu gu bhith a' mìneachadh carson a bha ar-a-mach san Ruis sa Ghearran 1917.

Ar-a-mach a' Ghearrain

Aig Meadhan Ìre agus aig Sàr Ìre dh'fhaodadh gun tèid iarraidh ort mìneachadh carson a b' fheudar an Tsar an rìgh-chathair a leigeil seachad an aghaidh a thoil toiseach 1917. Nuair a chaidh an Riaghaltas Sealach a chur an àite an t-Tsar, canar Ar-a-mach a' Ghearrain ris an àm sin (ged as e Am Màrt a bh' ann sa mhòr-chuid de dhùthchannan, ach bha mìosachan eadar-dhealaichte aca san Ruis).

Bi cinnteach gu bheil fios agad air co-dhiù còig adhabharan airson Ar-a-mach a' Ghearrain.

Bochdainn agus Cruaidh-chàs

Bha eadar-dhealachadh mòr eadar na daoine beairteach agus na daoine bochda san Ruis. Bha an luchd-tuath agus luchd-obrach anns na bailtean a' fulang air sgàth droch phàigheadh, uairean fada agus droch àiteachan-fuirich. Bha an luchd-tuath ag iarraidh cor-beatha na b' fheàrr.

Tuiteam na h-Eaconamaidh

Thuit eaconamaidh na Ruis às a chèile aig àm a' Chiad Chogaidh. Dhùin factaraidhean, chaidh còmhdhail troimh-a-chèile agus dh'èirich prìsean na bu luaithe na tuarastail. Bha biadh uabhasach gann. Bha stailcean agus sluagh-fhianais na bu chumanta ann an 1917.

Autocrasaidh nan Tsar lugha air daoine

B' e autocrasaidh a bha san Ruis. Bha an Tsar a' ruith na dùthcha le cuideachadh bho dhà no trì Mhinistearan. Bha an Tsar a' faighinn taic bhon arm, bhon eaglais, bho na h-uaislean, bhon t-seirbheis chatharra agus bho na poilis dhìomhair (no Okhrana). Bha mòran dhe na Ruiseanaich ag iarraidh riaghaltas deamocratach.

An Duma (pàrlamaid) ag iarraidh cumhachd

Bha pàrlamaid na Ruis, no an Duma, lag. Cha robh cumhachd cheart aice idir. Ann an 1917, bha an Duma ag iarraidh pàirt na bu mhotha ann a bhith a' riaghladh na Ruis.

Dùbhlan poilitigeach a' fàs

Thòisich partaidhean poilitigeach agus buidhnean eile san Ruis ag iarraidh atharrachadh san dòigh a bha an dùthaich air a riaghladh. Thòisich na Deamocrataich Shòisealta, na Reabhlaidich Shòisealta agus na Cadets a' faighinn barrachd taic.

An t-arm a' tuiteam às a chèile

Dh'fhuiling arm na Ruis gu mòr sa Chiad Chogadh air sgàth cion uidheamachd, cion trèanaidh agus ceannardas truagh. Cho-dhùin an Tsar gun deigheadh e fhèin air ceann an airm. Mar thoradh air an sin, chaidh coire a chur air airson duilgheadas an airm agus airson mar a chaill iad.

Cliù Rasputin

Bha daoine dhen bheachd gun robh cumhachd aig Rasputin air an teaghlach rìoghail. Bha daoine droch-amharasach mun chàirdeas eadar an Tsarina agus Rasputin. Dh'fhàs an t-amharas na bu mhotha nuair a dh'fhalbh an Tsar à Petrogad airson a dhol os cionn an airm agus a dh'fhàg e a bhean, a rugadh sa Ghearmailt, leatha fhèin.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Coimhead

February revolution.

Class Clips

Earrann bhidio ag innse carson a leig Tsar na Ruis seachad a dhreuchd ann an 1917 (ann am Beurla).

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.