Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Eachdraidh

Àireamh-sluaigh a' fàs

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Cuidichidh na duilleagan ath-sgrùdaidh seo thu gu bhith a' faighinn a-mach carson a dh'fhàs an àireamh-sluaigh ann am Breatainn eadar 1880 agus an latha an-diugh. Feumaidh tu cuimhne a chumail air fiosrachadh mun chuspair seo aig Meadhan Ìre agus aig an Sàr Ìre.

Eadar 1880 agus an latha an-diugh, tha an àireamh-sluaigh ann an Alba agus ann am Breatainn air a dhol suas gu mòr. Chaidh an àireamh-sluaigh suas ged a thuit an àireamh-breith. 'S e am prìomh adhbhar airson an àireamh-sluaigh a dhol suas gun do thuit an àireamh-bhàsan.

Adhbharan airson an àireamh-breith tuiteam

Na b' fhaide gun phòsadh

Bha daoine na b' fhaide gun phòsadh. Bha sin a' ciallachadh nach robh uimhir de chloinn gam breith.

Boireannaich Ag Obair

Bha boireannaich a' faighinn foghlam na b' fheàrr. Bha dreuchdan aig boireannaich agus bha iad na b' fhaide gun phòsadh.

Casg Gineamhainn

Bha casg gineamhainn na b' èifeachdaiche. Bha an Dotair Marie Stopes a' brosnachadh dòighean casg gineamhainn am measg an t-sluaigh sna 1920an. Bha pile casg gineamhainn ri fhaotainn fad is farsaing sna 1960an.

Teaghlaichean Nas Lugha

Dh'atharraich beachdan dhaoine. B' fheàrr leis a' mhòr-chuid an airgead a chosg air càraichean agus air saor-làithean seach teaghlach mòr a bhith aca. Bha teaghlaichean na bu lugha san fharsaingeachd eadar 1880 agus an latha an-diugh.

Cogaidhean Mòra

Chaill mòran fhireannaich òga am beatha san dà Chogadh Mhòr. Chuidich seo le lùghdachadh an àireamh-breith.

Eilthireachd

Rinn mòran dhaoine òga eilthireachd à Breatainn sna 1960an.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Coimhead

The NHS at work soon after it was begun.

Class Clips

Earrann bhidio mun NHS a' tòiseachadh ann an 1948 (ann am Beurla).

Coimhead

Crowds wave from a boat.

Class Clips

Earrann bhidio mu na cùisean a thug buaidh air atharraichidhean sluaigh ann an Alba, bho 1880 gu 1939 (ann am Beurla).

Coimhead

Soldiers at work.

Class Clips

Buaidh cogaidh air cùram meidigeach sna 1900an (ann am Beurla).

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.