Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Eachdraidh

Munich agus sìtheachadh

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Cuidichidh an t-Ath-sgrùdadh seo thu gu bhith a' tuigsinn Èiginn Mhunich agus na h-adhbharan a bha aig Neville Chamberlain airson na rinn e ann an 1938. Feumaidh cuimhne a bhith agad air fiosrachadh mun chuspair seo aig Meadhan Ìre agus aig Sàr Ìre.

Munich agus Sìtheachadh

Bha còig dùthchannan an sàs ann an Èiginn Mhunich san t-Sultain 1938.

Breatainn

15 Sultain

Choinnich Neville Chamberlain, Prìomh Mhinistear Bhreatainn ri Hitler aig Berchtesgaden agus dh'aontaich e ris an iarrtas aige gum faigheadh Gearmailtich Sudeten cead tighinn gu co-dhùnadh air dè an dùthaich dham buineadh iad.

18 Sultain

Chuir Chamberlain ìmpidh air Riaghaltas na Frainge aontachadh ris a' chùmhnant.

21 Sultain

Thuirt Riaghaltas Bhreatainn ris an Riaghaltas Sheiceach gum feumadh iad gabhail ris a' chùmhnant.

22 Sultain

Thill Chamberlain dhan Ghearmailt airson a ràdh ri Hitler gum faodadh Gearmailtich ann an Sudeten co-dhùnadh a dhèanamh. Thuirt Hitler ris gun robh e air inntinn atharrachadh.

23 Sultain

Thill Chamberlain a Lunnainn agus e cha mhòr cinnteach gun robh cogadh a' dol a thòiseachadh.

29 Sultain

Choinnich Chamberlain ri Hitler, Daladier agus Mussolini ann am Munich agus shoidhnig e Aonta Mhunich agus Aonta na Nèibhi eadar Breatainn agus A' Ghearmailt.

30 Sultain

Thill Chamberlain a Bhreatainn far an robh daoine a' coimhead air mar ghaisgeach mòr. Thuirt e, "It is peace in our time."

An Fhraing

18 Sultain

Choinnich Edouard Daladier, Prìomh Mhinistear na Frainge, ri Chamberlain ann an Lunnainn agus dh'aontaich e leigeil le na Gearmailtich ann an Sudeten co-dhùnadh dè an dùthaich dham buineadh iad

29 Sultain

Choinnich Daladier ri Chamberlain, Hitler agus Mussolini ann am Munich agus shoidhnig e Aonta Mhunich.

An Eadailt

28 Sultain

Mhol Mussolini coinneamh eadar na ceithir dùthchannan gus co-dhùnadh dè bha a' dol a thachairt ann an Sudetenland.

29 Sultain

Choinnich Mussolini ri Chamberlain, Hitler agus Daladier ann am Munich agus shoidhnig e Aonta Mhunich.

A' Ghearmailt

12 Sultain

Dh'iarr Hitler gum faigheadh Gearmailtich Sudeten cead tighinn gu co-dhùnadh air dè an dùthaich dham buineadh iad. B' e Sudetenland a' chuid de Czechoslovakia a bha a' bruidhinn Gearmailtis.

15 Sultain

Choinnich Hitler ri Neville Chamberlain, Prìomh Mhinistear Bhreatainn aig Berchtesgaden agus thuirt e gum feumadh na Gearmailtich ann an Sudeten cead fhaighinn tighinn gu co-dhùnadh an robh iad airson a bhith nam pàirt dhen Ghearmailt.

22 Sultain

Choinnich Hitler ri Chamberlain aig Bad Godesberg agus thuirt e gum bu chòir Sudetenland a thoirt dhan Ghearmailt anns a' bhad.

29 Sultain

Choinnich Hitler ri Chamberlain, Daladier agus Mussolini ann am Munich agus shoidhnig e Aonta Mhunich. Bha Sudetenland ri dhol chun na Gearmailt anns a' bhad. Shoidhnig Hitler aontas còmhla ri Breatainn cuideachd ag ràdh nach deigheadh an dà dhùthaich a chogadh tuilleadh.

Czechoslovakia

21 Sultain

Chaidh a ràdh ri Riaghaltas nan Seic gum feumadh iad leigeil le na Gearmailtich ann an Sudeten co-dhùnadh cò an dùthaich san robh iad ag iarraidh a bhith.

24 Sultain

Thug Riaghaltas nan Seic òrdan dhan arm Sheiceach ullachadh airson cogadh ris A' Ghearmailt.

30 Sultain

Chaidh a ràdh ri Riaghaltas na Seic gum feumadh iad gabhail ri Aonta Mhunich.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Coimhead

Tanks.

Class Clips

Earrann bhidio mu oidhirpean Chamberlin airson sìth (ann am Beurla).

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.