Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Eachdraidh

An t-slighe chun Dara Cogaidh

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

San Fhaoilleach 1933, fhuair Adolf Hitler gu cumhachd sa Ghearmailt agus thòisich e sa bhad a' toirt dùbhlan do Cho-chòrdadh Versailles agus a' cur poileasaidh-cèin nàimhdeil an gnìomh agus thàinig sin gu cogadh. Bidh cuid de luchd-eachdraidh a' cumail a-mach gun robh Breatainn agus An Fhraing rin coireachadh airson an Dara Cogaidh seach nach do sheas iad an aghaidh Hitler.

Geàrr-chunntas

Tha e furasta a' choire a chur air Hitler airson an cogadh a thòiseachadh.

B' e amasan nàimhdeil a bh' aig Hitler agus chuir e an cèill iad gu soilleir san leabhar "Mein Kampf" ann an 1924:

  1. Cur às do Cho-chòrdadh Versailles.
  2. A' Ghearmailt a bhith nas cumhachdaiche (dùthaich dha na Gearmailtich gu lèir).
  3. Lebensraum (àite-fuirich) a' dol a dh'fhaighinn fearann dhan Ghearmailt air taobh sear na Roinn Eòrpa.

Cho luath 's a fhuair e a' chumhachd, thòisich Hitler a' dèanamh an dearbh rud a thubhairt e. Airson gach nì a rinn e eadar 1935 agus 1939, am faic thu dè an t-amas/na h-amasan a bha e a' coileanadh leotha seo:

  • 1935 - Ath-armachadh
  • 1936 - Ath-armailteachadh na Rhineland
  • 1938 - Anschluss còmhla ris An Ostair
  • 1938 - A' gabhail thairis Sudetenland
  • 1939 - Ionnsaigh air Czechoslovakia
  • 1939 - Ionnsaigh air A' Phòlainn
  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Coimhead

A detail of some car manufacturing equipment.

Class Clips

Earrann bhidio mu aon ghnìomhachas chàraichean sna 1960an (ann am Beurla).

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.