Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Eachdraidh

An Dara Cogadh a' tòiseachadh

Feumaidh cuimhne a bhith agad air fiosrachadh mun chuspair seo aig Meadhan agus Sàr Ìre. Cuidichidh an t-Ath-sgrùdadh seo thu gu bhith a' tuigsinn carson a ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt air 3 Sultain 1939.

An Dara Cogadh Mòr a' tòiseachadh

Air 3 Sultain 1939, dh'ainmich Neville Chamberlain, Prìomh Mhinistear Bhreatainn, na leanas air an radio.

Airson an stuth seo fhaicinn, feumar an dà chuid Javascript agus Flash a chuir a dhol.

Madainn an-diugh thug Tosgaire Bhreatainn ann am Berlin fios deireannach do Riaghaltas na Gearmailt ag ràdh gum biodh cogadh eadarainn mura cluinneamaid ro aon uair deug gun robh iad deònach na feachdan aca a tharraing a-mach às A' Phòlainn anns a' bhad. Feumaidh mi innse dhuibh nach d' fhuair sinn a leithid sin de ghealladh bhuapa, agus air an adhbhar sin, tha an dùthaich seo a-nis a' cogadh ris A' Ghearmailt.

Neville Chamberlain

Dìreach aona mìos deug roimhe sin, bha Chamberlain air tilleadh à Munich agus e cinnteach nach biodh cogadh ann. Carson a dh'atharraich an suidheachadh cho luath?

Thoir sùil air a' cheist gu h-ìosal a tha coltach ri ceist a bhiodh san deuchainn mun Dara Cogadh Mòr a' tòiseachadh.

Carson a ghairm Breatainn cogadh an aghaidh na Gearmailt air 3 Sultain 1939?

Tha a' cheist a' coimhead doirbh ach faodaidh tu am fiosrachadh air an duilleig seo a chleachdadh airson aiste a phlanadh airson a freagairt.

  • Chamberlain - Carson a rinn Chamberlain an òraid seo?
  • Am Màrt 1939 - Ghabh Hitler thairis an còrr de thaobh an iar Czechoslovakia. Bhris seo Aonta Mhunich. Thuig Chamberlain nach b' urrainn dha earbsa a chur ann a' Hitler.
  • An Giblean 1939 - Gheall Riaghaltas Bhreatainn gun dìonadh iad A' Phòlainn nan toireadh dùthaich chèin ionnsaigh oirre. Bha e follaiseach gur e A' Phòlainn an ath dhùthaich a bhiodh air liosta Hitler oir chaidh Trannsa Phòlainn a thoirt bhon Ghearmailt air sgàth Co-chòrdadh Versailles.
  • An Lùnastal 1939 - Chaidh An t-Aonta Nadsaidheach-Sobhieteach a shoidhnigeadh ann am Moscow. Bha an t-aonta seo ag ràdh nach deigheadh A' Ghearmailt no An t-Aonadh Sobhieteach a chogadh ri chèile. Tha e follaiseach gun robh seo a' feuchainn ri còmhstri a sheachnadh nuair a bheireadh A' Ghearmailt ionnsaigh air A' Phòlainn. Bha corra aonta ann cuideachd a bha dìomhair airson A' Phòlainn a roinn eadar an dà dhùthaich agus leigeil leis An Aonadh Shobhieteach na Stàitean Baltic, Latbhia, Lituàinia agus Estòinia a ghabhail thairis.
  • 1 Sultain 1939 - Thug A' Ghearmailt ionnsaigh air A' Phòlainn. Chuir Riaghaltas Bhreatainn fios gu Riaghaltas na Gearmailt ag iarraidh oirre feachdan na Gearmailt a tharraing air ais.

B' e an t-atharrachadh mòr eadar an t-Sultain 1939 agus an t-Sultain 1938 gun robh Breatainn air gealltainn A' Phòlainn a dhìon. Cha robh dòigh aig Chamberlain air cogadh a sheachnadh. Bha Riaghaltas Bhreatainn san aon shuidheachadh 's a bha iad san Lùnastal 1914 nuair a thug A' Ghearmailt ionnsaigh air A' Bheilg.

 

Cliog airson èisteachd ri deasbad mu adhbharan an dara cogaidh.

Airson an stuth seo fhaicinn, feumar an dà chuid Javascript agus Flash a chuir a dhol.

Riochd sgrìobhte

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.