Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Eachdraidh

An Cogadh Fuar

Air Ais

Beachdan

Choimhead luchd-eachdraidh air a' Chogadh Fhuar ann an iomadh dòigh thar nam bliadhnaichean. Seo cuid dhe na chaidh a ràdh mun Chogadh Fhuar sna 1950an agus sna 1960an bho leabhraichean sgoile an latha an-diugh:

A. "Eadar 1949 agus 1963, thachair iomadh èiginn a thug an Cogadh Fuar gu bith."

B. "Nuair a chaochail Stalin ann an 1953, thàinig beagan piseach air na dàimhean eadar an Ear agus an Iar, ged a bha duilgheadasan fhathast ann."

C. "Thug spionnadh bòstail Khrushchev, cho measail 's a bha e air siubhal agus air argamaid, agus cho deònach 's a bha e a dhol an sàs ann an rud, ge b' e dè cho cunnartach, buaidh air na bliadhnaichean sin."

D. "Cha b' ann a-mhàin air Berlin a rinn am balla sgaradh. Anns na bliadhnaichean an dèidh sin, thàinig e gu bhith na shamhla air sgaradh – sgaradh na Gearmailt, sgaradh na Roinn Eòrpa, an sgaradh eadar co-mhaoineas an taoibh an Ear agus deamocrasaidh an taoibh an Iar. Bha na Co-mhaoinich a' sealltainn a' bhalla mar shlige dìon. Bha an taobh an Iar ga shealltainn mar bhalla prìosain."

E. "Bha na h-Ameireaganaich a' creidsinn gum b' e an dleastanas e, agus gun robh e riatanach airson tèarainteachd nan SA, seasamh an aghaidh leudachadh co-mhaoineis ge b' e càit an tachradh e. Sna 1960an, theab seo an toirt gu cogadh niùclasach."

F. "Cha b' fhada gus an robh e follaiseach dha na stàitean calpaireil gun robh Khrushchev, a dh'aindeoin co-bhith-beò, coma ach sealltainn gum b' urrainn do cho-mhaoineas farpais ris an taobh an Iar agus a' chùis a dhèanamh."

G. "B' e measgachadh a bha sa Chogadh Fhuar de dh'iomairt creideimh a bha a' taobhadh ri aon chreud no dòigh-smaoineachaidh eile, agus poilitigs cumhachd cho an-iochdmhor 's a bha ann."

Air Ais

Coimhead

German army recruits marching.

Class Clips

Earrann bhidio mu adhbharan an dara cogaidh (ann am Beurla).

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.