Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Eachdraidh

Co-chòrdadh Versailles

Air Ais

Feumaidh cuimhne a bhith agad air an fhiosrachadh sa ghrèim seo aig Meadhan agus aig Sàr Ìre. Cuidichidh an duilleag seo thu gu bhith a' tuigsinn carson a bha gràin aig na Gearmailtich air a' Cho-chòrdadh seo agus carson a bha uimhir dhiubh ag iarraidh dìoghaltas:

Dàimhean Eadar-nàiseanta – Co-chòrdadh Versailles

  • B' e co-rèiteachadh eadar na Ceithir-deug Phuingean aig a' Cheann-suidhe Wilson agus a mhiann "sìth cheart" a dhèanamh, agus miann dìoghaltais ceannard na Frainge, Clemenceau, a bha ann an Co-chòrdadh Versailles.
  • Dh'fheumadh A' Ghearmailt an t-uallach a ghabhail airson an cogadh a thòiseachadh, agus bha aice ri aontachadh pàigheadh airson a' mhillidh (air a shuidheachadh aig £6.6 billean ann an 1921).
  • Chaidh arm na Gearmailt a ghearradh gu 100,000 duine. Bha Nèibhi na Gearmailt ri toirt dha na Càirdean a bhuannaich, agus cha robh cead aig A' Ghearmailt plèanaichean cogaidh no tancaichean a dhèanamh san àm ri teachd.
  • Cha robh cead aig feachdan na Gearmailt a bhith san Rhineland, an sgìre dhen Ghearmailt a b' fhaisge air An Fhraing.
  • Chaidh Alsace agus Lorraine a thoirt dhan Fhraing.
  • Fhuair A' Phòlainn, stàit ùr a chaidh a chruthachadh, A' Phruis an Iar agus Posen, sgìrean a bhuineadh dhan Ghearmailt. Chaidh am port ann an Danzig a chur fo smachd Lìog nan Dùthchannan. Mar thoradh air na h-atharraichidhean seo, bha A' Phruis an Ear air a gearradh air falbh on chòrr dhen Ghearmailt air sgàth "Trannsa na Pòlainn" mar a thugadh air.
  • Fhuair A' Bheilg Eupen agus Malmedy.
  • Cha robh cead aig A' Ghearmailt aonadh ris An Ostair (b' e Anschluss a chanadh iad ris an seo, agus cha robh e ceadaichte).
  • B' e sìth air a sparradh air A' Ghearmailt a bha ann an Co-chòrdadh Versailles oir cha robh cead aig A' Ghearmailt barganachadh a thaobh nan cùmhnantan.
Air Ais

Coimhead

Portion of Western Europe.

Class Clips

Earrann bhidio mu Cho-chòrdadh Versailles (ann am Beurla).

Coimhead

Versailles.

Class Clips

Earrann bhidio ag innse carson nach robh na Gearmailtich measail air Co-chòrdadh Versailles (ann am Beurla).

Coimhead na h-earrannan seo airson tuilleadh ionnsachadh mu Cho-chòrdadh Versailles (ann am Beurla):

Aims of the 'Big Three' at Versailles

Wilson's Fourteen Points

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.