Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Tuineachadh > Ùrachadh bailteil

Cruinn-eòlas

Ùrachadh bailteil

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3

Sampall ceiste

Tha a’ cheist seo coltach ri ceist a bhios ann an deuchainn na h-Ìre Choitchinn stèidhte air artaigil à pàipear-naidheachd. ’S dòcha gum bi ceist coltach rithe san deuchainn.

Leugh an t-artaigil seo à pàipear-naidheachd.

A’ CLADHACH AGUS A’ TOGAIL PUIST CHONCRAIT - ÙRACHADH BAILTEIL SAN RA

 

Togalach, Canary Wharf, Lunnainn

Canary Wharf, Lunnainn

 

O chionn 30 bliadhna bha ath-leasachadh bailteil a’ ciallachadh a bhith a’ leagail sgìrean mòra, truagh ann am meadhan bhailtean airson sgìrean gnìomhachais agus taighean ùra a thogail. Bidh comhairlean mhòr-bhailtean glè thric a’ cur thagraidhean airson airgead gu riaghaltas na RA no chun an Aonaidh Eòrpaich. Chaidh "Sònaichean Iomairt" a stèidheachadh, le lùghdachadh chìsean agus reataichean. Chaidh faisg air 30 sgìre ann am meadhan bhailtean san RA a leasachadh, le sgìre nan Docklands ann an Lunnainn nam measg.

Thuirt James Wilkinson, riochdaire bho Chomann Docklands Lunnainn:

"Dh’fhaodadh gun robh beagan dhuilgheadasan ann air sgàth a’ chrìonaidh san eaconamaidh toiseach nan 1990an, ach tha an leasachadh air a bhith soirbheachail. Tha mòran chompanaidhean phàipearan-naidheachd air gluasad a-mach à sgìrean dùmhail ann am Meadhan Lunnainn. Chaidh taighean ùra a thogail agus chaidh obraichean a chruthachadh. Tha ceanglaichean còmhdhail cuideachd nas fheàrr le port-adhair ùr, an City Airport, an Docklands Light Railway agus rathaidean ùra."

Ach an-diugh, chan eil daoine buileach cho measail air na sgeamachan mòra a bhios a’ cosg nam milleanan – saoil carson a tha sin? Thuirt Ann Seacombe, a tha a’ fuireach air Eilean nan Con:

"Cha mhòr gun deach càil a dhèanamh dhuinne, muinntir an àite. Chaidh a ràdh rinn gum biodh taighean ùra ann agus obraichean, ach cha robh dhuinne. Chaidh nas lugha na 1,000 taigh-comhairle ùr a thogail – ach tha còrr is 25,000 flat agus taigh prìobhaideach ann às ùr. Tha a’ mhòr-chuid dhe na h-obraichean do dhaoine le sgilean a tha ag obair do chompanaidhean mòra – chan eil pàigheadh math idir sna h-obraichean eile, ag obair ann an taighean-bìdh agus ann am bùithtean. Bha còir aca a bhith air smaoineachadh barrachd mu na feumalachdan againn.”

An-diugh tha e nas dòcha gun tèid airgead a chosg air leasachadh thogalaichean sna mòr-bhailtean. Tha Birmingham na dheagh eisimpleir dhen t-seòrsa ùr de dh’ùrachadh bailteil. Chaidh airgead a thoirt seachad airson sràidean air fad a leasachadh – còrr is 10,000 taigh gu ruige seo. Am measg leasachaidhean nas lugha, chaidh ‘baile beag’ a chruthachadh an ear air meadhan a’ bhaile le 500 taigh ùr agus taighean leasaichte, pàircean agus goireasan. Tha puist choncrait agus cùisean eile airson astar trafaig a lùghdachadh a’ toirt cothrom dhan chloinn cluich gu sàbhailte aon uair eile.”

Coimhead a-nis air an t-seòrsa cheistean a bhios san deuchainn co-cheangailte ri artaigil mar sin.

Ceist

Dè th’ ann an ùrachadh bailteil?

Tha ceist 1 airson faighinn a-mach a bheil thu a’ tuigsinn ùrachadh bailteil agus an tèid agad air mìneachadh soilleir a thoirt air dè tha e a’ ciallachadh.

Freagairt

Tha ùrachadh bailteil a’ ciallachadh an atharrachaidh a bhios ann an sgìrean bailteil le bhith a’ leasachadh thogalaichean no a’ cur fheadhainn eile nan àite cuide ri goireasan mar sràidean agus pàircean.

Feumaidh rannsachadh cùise a bhith agad fhèin airson na deuchainn.

Ceist

2. Ciamar a tha ùrachadh bailteil air atharrachadh thar nan 30 bliadhna mu dheireadh?

Ann an ceist 2 feumaidh tu iomradh goirid a sgrìobhadh air mar a dh’atharraich sgìre thar nan 30 bliadhna mu dheireadh – dè na h-atharrachaidhean a tha air a bhith ann?

Freagairt

O chionn 30 bliadhna bha ùrachadh bailteil a’ ciallachadh a bhith a’ leagail thogalaichean a bha ann mar-thà – ath-leasachadh bailteil – agus a’ cur fheadhainn ùra nan àite. An-diugh bidh seann thogalaichean glè thric air an ùrachadh no air an leasachadh seach a bhith air an leagail. Tha seo a’ ciallachadh gum faod muinntir an àite cumail orra a’ fuireach san sgìre.

Ceist

3. Carson nach robh muinntir na sgìre ann an Sgìre nan Docklands, Lunnainn riaraichte le na h-atharrachaidhean?

Tha ceistean 3 agus 4 a’ coimhead air eisimpleirean fìor ann an ùrachadh bailteil, agus ag iarraidh ort na beachdan eadar-dhealaichte air na h-atharrachaidhean a mhìneachadh.

Freagairt

Bha muinntir na sgìre ag iarraidh obraichean agus taighean nach robh ro dhaor. Air sgàth nan leasachaidhean sna Docklands, chaidh taighean daora a thogail agus thàinig obraichean do dhaoine le teisteanasan matha. Uaireannan, bha aig na daoine ri gluasad a dh’àiteigin eile.

Ceist

4. Saoil carson a bhiodh daoine ann am Birmingham nas riaraichte le na h-atharrachaidhean an sin?

Nuair a bhios tu a’ freagairt ceist mar seo, bu chòir dhut a leughadh 2 thuras no 3 mus tòisich thu a’ sgrìobhadh. Feuch gum bi thu eòlach air faclan co-cheangailte ri mòr-bhailtean agus ùrachadh bailteil, mar: sgìrean còmhnaidh, ùrachadh agus leasachadh.

Freagairt

Bha daoine ann am Birmingham na bu riaraichte le leasachaidhean oir chaidh na taighean aca a leasachadh seach an leagail, agus fhuair iad goireasan ùra mar pàircean.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3

Coimhead

Traffic jam

Learning Zone Scotland

Eisimpleir de dh’ath-nuadhachadh baile: mar a tha Paris Rive Gauche a’ dèiligeadh ri trioblaidean còmhdhail

Coimhead

Buildings

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu ùrachadh ann am meadhan Pharis

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.