Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Tuineachadh > Làrach tuineachaidh

Cruinn-eòlas

Làrach tuineachaidh

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Feartan làraich

'S e làrach tuineachaidh am fearann air a bheil e air a thogail. Tha iomadh seòrsa làrach eadar-dhealaichte ann a bha air an cleachdadh airson làrach thuineachaidhean bho linntean tràth.

LàrachFeartan
DìonDoirbh ionnsaigh a thoirt air, me mullach beinne no eilean
An cois beinneFasgach, le talamh còmhnard airson togail no tuathanachas
BeàrnTalamh nas ìsle agus nas fhasgaiche eadar dà bheinn
Àite fliuchFaisg air uisge ann an sgìre thioram
Àite tioramAir àite tioram nas àirde faisg air talamh fliuch, me boglaichean no aibhnichean a' dol nan tuil
Ionad shligheanFòcas shlighean (me rathaidean) bhon sgìre mun cuairt
Àite drochaidFar an gabh drochaid a thogail thairis air abhainn
Ceist

Seall air an diagram seo:

Còig tuineachaidhean air diagram cruth-tìre

Comharraich an seòrsa làraich a th' ann le bhith a' ceangail gach litir tuineachaidh ris an iomradh cheart airson an làraich.

Iomradh LàraichTuineachadh
An cois beinne 
Beàrn 
Àite fliuch 
Àite tioram 
Ionad shlighean 
Freagairt

'S e làrach an cois beinne a th' ann an Tuineachadh 5 oir tha e fasgach agus còmhnard airson togail agus tuathanachas.

'S e làrach beàirn a th' ann an Tuineachadh 1 oir 's e làrach nas ìsle agus nas fhasgaiche eadar dà bheinn a th' ann.

'S e àite fliuch a th' ann an Tuineachadh 2 oir tha e faisg air uisge ann an sgìre thioram.

'S e àite tioram a th' ann an Tuineachadh 3 oir 's e làrach nas àirde agus nas tioraime os cionn talamh fliuch a th' ann.

'S e ionad shlighean a th' ann an Tuineachadh 4 oir 's e fòcas shlighean (rathaidean agus abhainn) a th' anns an sgìre seo.

Bidh cudrom feartan làrach sònraichte ag atharrachadh thar ùine.

Sna linntean tràth (ro 1800)

FeartAdhbhar / eisimpleir
Dìon mathDoirbh ionnsaigh a thoirt air, me mullach beinne no eilean
Faisg air uisgeAirson uisge agus iasg fhaotainn
Faisg air coilleAirson connadh, stuthan togail agus biadh
Air talamh feumail airson tuathanachasAirson biadh fhaotainn
Talamh còmhnardNas fhasa togail air
Conaltradh mathAir rathad agus abhainn

Sna linntean o chionn ghoirid (an dèidh 1800), dh'fhàs feartan eile cudromach ann a bhith a' taghadh làrach tuineachaidh

FeartAdhbhar / eisimpleir
Faisg air stòrasanStuthan amh airson gnìomhachas, me clach-aoil no gual
Faisg air puirtAirson stuthan amh no bathar a ghiùlan
Conaltradh nas luaitheMar a dh'fhàs agus a leasaich gnìomhachas, me slighean-uisge, rèile agus, nas fhaisge air an latha an-diugh, mòr-rathaidean agus puirt-adhair.
Àrainneachd thlachdmhor Airson a) barrachd dhaoine a th' air an dreuchd a leigeil dhiubh agus b) gnìomhachasan teicneòlais a tha ag iarraidh a bhith ann an sgìrean tarraingeach.
  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Coimhead

Sun shining through a building

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio a’ sealltainn mar a dh’fhaodas stòras nàdarra daoine a mhisneachadh gus seatlaigeadh ann an sgìre

Coimhead

Water

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio a’ sealltainn mar a dh’fhaodas stòras nàdarra daoine a mhisneachadh gus seatlaigeadh ann an sgìre

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.