Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Tuineachadh > Buaidh gnìomhachais

Cruinn-eòlas

Buaidh gnìomhachais

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Adhart

Cuideachadh on riaghaltas

Tha an riaghaltas air feuchainn ri na buaidhean sin a lùghdachadh le bhith a’ tabhann iomadh seòrsa brosnachaidh (no buannachdan) do ghnìomhachasan ma thòisicheas iad ann an sgìrean sa bheil tòrr dìth cosnaidh (no Sònaichean Iomairt).

Map le na prìomh bhailtean san RA

Bidh an cuideachadh seo a’ tighinn bho Bhuidhnean Leasachaidh mar a leanas:

  • Taic-airgid agus iasadan airson factaraidhean a thogail.
  • Reataichean agus mail ìosal.
  • Factaraidhean a tha deiseil mar-thà agus le cumhachd annta.
  • Cuideachadh le tuarastail.
  • Trèanadh luchd-obrach.
  • Rathaidean ùra gan togail airson còmhdhail nas fheàrr.

Bidh an seòrsa cuideachaidh seo na bhuannachd, chan ann a-mhàin dhan ghnìomhachas a gheibh e, ach cuideachd do mhuinntir na sgìre agus dhan àrainneachd:

  • A’ cruthachadh obraichean ùra agus a’ toirt airgead a-steach dhan choimhearsnachd.
  • A’ toirt raon sgilean nas fheàrr air adhart dhan luchd-obrach.
  • A’ meudachadh àireamh-sluaigh na sgìre.
  • A’ leigeil le seirbheisean ionadail a bhith air an leasachadh.
  • Taighean ùra agus nas fheàrr gan togail agus seann sgìrean taigheadais gan leasachadh.
  • Seann fhactaraidhean agus sgìrean truaillte air an glanadh.
  • Pàircean ùra agus goireasan chur-seachad ann.
  • Tha barrachd fèin-spèis san fharsaingeachd aig na daoine agus faireachdainn gu bheil iad a’ coileanadh rudeigin.

Feuch deuchainn ghoirid a-nis.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Adhart

Coimhead

Sparks

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio – crìonadh ann an gnìomhachas chàraichean ann an Alba sna 1970an

Coimhead

Oil rig

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio – deagh bhuaidhean gnìomhachas na h-ola do dh’Alba

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.