Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Tuineachadh > Buaidh gnìomhachais

Cruinn-eòlas

Buaidh gnìomhachais

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3

Eisimpleir

Ceist

Lìon an clàr le bhith a’ cur S (Sòisealta), E (Eaconamach) no À (Àrainneachd) ann.

Buaidh seacaidhFreagairt
Sgìrean mòra de thalamh fàs  
Chan eil uiread de dh’airgead aig daoine ri chosg  
Teaghlaichean a’ sgaradh 
Leann-dubh 
Seirbheisean a’ dùnadh 
Bhandailean a’ milleadh thaighean falamh 
Obraichean gan call 
Barrachd eucoir 
Talamh agus aibhnichean air am fàgail le truailleadh 
Chan eil gnìomhachasan ùra deònach tòiseachadh san sgìre  
Freagairt

Ciamar a chaidh dhut? Ceartaich do fhreagairt a rèir a’ chlàir gu h-ìosal.

Buaidh SeacaidhFreagairt
Sgìrean mòra de thalamh fàs À
Chan eil uiread de dh’airgead aig daoine ri chosg E
Teaghlaichean a’ sgaradhS
Leann-dubhS
Seirbheisean a’ dùnadhÀ
Bhandailean a’ milleadh thaighean falamhÀ
Obraichean gan callE
Barrachd eucoirE
Talamh agus aibhnichean air am fàgail le truailleadhÀ
Chan eil gnìomhachasan ùra deònach tòiseachadh san sgìre E

’S dòcha gun robh e doirbh dhut an clàr a lìonadh ceart. Coimhead air na mìneachaidhean a leanas agus chì thu càit an deach thu ceàrr. Ionnsaich na mìneachaidhean mus feuch thu air an deuchainn.

Buaidhean sòisealta

Bidh cor-beatha dhaoine ga lùghdachadh air sgàth dìth obrach, agus uaireannan thèid teaghlaichean a sgaradh air sgàth nach eil daoine a’ faireachdainn nach fhiach iad, agus uaireannan bidh barrachd eucoir ann cuideachd. Faodaidh mì-ghnàthachadh deoch-làidir agus dhrogaichean a dhol am meud cuideachd.

Buaidhean eaconamach

Nuair a chailleas daoine an obair, ’s dòcha gum feum gnìomhachasan faisg air làimh dùnadh no cuid dhen luchd-obrach a chur bhuapa seach gun robh iad an eisimeil na factaraidh airson an gnothachais.

San fharsaingeachd chan eil mòran airgid mun cuairt (comas cosg ìosal) agus mar sin bidh bùithtean agus seirbheisean a’ fulang.

Chan eil a’ chomhairle a’ toirt uiread de dh’airgead a-steach ann an reataichean agus mar sin chan eil uiread de dh’airgead aca airson stad a chur air an sgìre bho dhol bhuaithe.

Buaidhean air an àrainneachd

Faodaidh factaraidhean nach eilear a’ cleachdadh, slighean-uisge agus mèinnean a dhol bhuaithe. Bidh ionadan sgudail agus aibhnichean truaillte a’ cur ri faireachdainn lobhaidh agus crìonaidh. Bidh an sgìre a’ dol bhuaithe san fharsaingeachd agus cha bhi daoine ag iarraidh fuireach innte.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3

Coimhead

Sparks

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio – crìonadh ann an gnìomhachas chàraichean ann an Alba sna 1970an

Coimhead

Oil rig

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio – deagh bhuaidhean gnìomhachas na h-ola do dh’Alba

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.