Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Cruinn-eòlas

Tomadan èadhair

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

'S e tomhas mòr de dh'èadhar a bhios a' gluasad à aon sgìre gu sgìre eile a th' ann an tomad èadhair. Tha an t-sìde a bheir tomad èadhair thugainn a rèir na sgìre às an tàinig e agus an seòrsa uachdair air an tàinig e thairis.

Na còig phrìomh thomadan èadhair

Tha 5 phrìomh thomadan èadhair ann a bhios a' toirt buaidh air Breatainn. Feumaidh tu bhith comasach air an aithneachadh agus na feartan aca.

Còig saighdean air map a' dol chun na RA
  1. Comharraich an sgìre on tàinig an tomad èadhair: an ann bho Chearcall na h-Artaig, Am Pòla a Tuath no bho Na Tropaigean?
  2. Comharraich an t-uachdar thar an do shiubhail an Tomad Èadhair. An e muir no tìr a th' ann?
  3. Bheir an sgìre on tig e an t-ainm agus na feartan dhan tomad èadhair.

Ionnsaich an clàr gu h-ìosal:

AinmSgìre TùisFeartan Sìde
Mòr-roinneilTìrTioram
CuantachMuirFluich
TropaigeachNa Tropaigean (30°C is os a chionn)Blàth
PòlarachNa Pòlachan (60°C is os a chionn)Fuar
ArtaigeachAm Pòla a TuathUabhasach Fuar

Tha teòthachd tomad èadhair cuideachd air a shònrachadh le atharrachaidhean ràitheil. Tha teòthachdan as t-samhradh an-còmhnaidh nas àirde na sa gheamhradh.

'S ann ainneamh a thig an tomad èadhair ris an canar Artaigeach Cuantach, ach nuair a thig bheir e leis sneachda mòr.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Coimhead

Weather map of Great Britain

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu dheidhinn mar a tha sruthadh thomadan èadhair blàth agus fuar a’ toirt buaidh air an t-sìde againn

Coimhead

Hotel on a beach

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu dheidhinn mar a tha tomadan èadhair eadar-dhealaichte a’ toirt dhuinn gnàth-shìde eadar-dhealaichte ann an dà bhaile turasachd

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.