Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Sìde agus gnàth-shìde > A' clàradh dàta sìde

Cruinn-eòlas

A' clàradh dàta sìde

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Adhart

Sampaill cheistean

Feuch a-nis air na seòrsachan cheistean a bhios san deuchainn.

Ceist

Comharraich na h-innealan san diagram gu h-ìosal.

5 ionnsramaidean airson dàta sìde a chlàradh

Ainmich innealan A-D.

Ainmich feart E.

Dè an dath a th' air?

Dèan coimeas ri do fhreagairt.

Freagairt

A Gèidse uisge oir tha e air a chladhach dhan talamh.

B Coileach-gaoithe oir tha prìomh àirdean na combaist air.

C Inneal-clàraidh grèine tha e a-muigh air raon fosgailte airson gun glac e a' ghrian air fad agus tha cairt-chlàraidh air le uairean a thìde.

D Gèidse-gaoithe tha cupannan air airson a' ghaoth a ghlacadh.

'S e Stevenson Screen a th' ann am feart E agus tha teas-mheidhean ann.

Tha e geal airson gun ath-thilg e mòran de ghathan na grèine.

Ceist

(Bun Ìre/Meadhan Ìre).

Seall air an diagram gu h-ìosal.

Iomadh bun fiosrachaidh a thèid gu Oifis na Sìde airson tuairmse na sìde a dhèanamh

Bidh coimpiutairean tric air an cleachdadh airson tuairmse na sìde ullachadh. Carson?

Freagairt

Tha coimpiutairean tric air an cleachdadh airson fiosrachadh a chur air falbh bho stèisean sìde, an dà chuid aig an taigh agus thall thairis, agus bho shaideal. Tha seo a' ciallachadh gum bi am fiosrachadh ceart agus gun gabh a chur gu oifis na sìde gu luath.

Tha coimpiutairean cuideachd air an cleachdadh airson mapaichean sìde (clàran sinoptaig) a dhèanamh. Tha seo a' ciallachadh gun gabh an clò-bhualadh luath agus ceart.

Nise feuch deuchainn ghoirid

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Adhart

Coimhead

An anemometer

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu dheidhinn cuid dhe na h-ionnsramaidean a bhios sinn a’ cleachdadh airson an t-sìde a chlàradh agus a ro-innse

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.