Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Sìde agus gnàth-shìde > A' clàradh dàta sìde

Cruinn-eòlas

A' clàradh dàta sìde

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Ro-ràdh

'S e sìde staid na h-àile mun cuairt oirnn.

Tha sìde a' gabhail a-steach iomadh eileamaid a ghabhas a chlàradh. Faodar a' mhòr-chuid dhe na h-eileamaidean sin a chlàradh air innealan sònraichte ann an stèiseanan sìde.

EileamaidInnealAonadSuidheachadh
TeòthachdTeis-mheidh°CAm broinn Sgrion Stevenson
SileadhGèidse UisgemmAir a chladhach dhan talamh
GrianInneal-clàraidh grèineuaireanShuas àrd air clàr
Bruthadh ÈadhairBarografmbA-staigh, no ann an Sgrion Stevenson
Àirde na gaoitheCoileach-gaoitheT, D msaaÀrd os cionn na talmhainn
Luaths na gaoitheGèidse-gaoithekm/u no mile-maraÀrd os cionn na talmhainn

Bidh lèireas agus còmhdach sgòth gan tomhas cuideachd, ach chan ann le innealan, ach le bhith ag amhairc.

Bidh iomadh seòrsa teas-mheidh ann an stèiseanan sìde mar teas-mheidhean airson ùir agus feur, feadhainn a sheallas an teòthachd as àirde agus as isle agus feadhainn le bolgain fhliuch agus thioram (a tha a' clàradh na tha de thaiseachd san èadhar).

Feumaidh tu am fiosrachadh sa chlàr gu h-àrd ionnsachadh agus dealbhan dhe na h-innealan aithneachadh.

Bidh stèiseanan sìde sa bheil na h-innealan sin air raon fosgailte air falbh bho thogalaichean eile agus bho chraobhan gus nach bi dubhar no fasgadh ann a dh'fhaodadh fiosrachadh ceàrr a thoirt seachad.

Tha fiosrachadh mun t-sìde air a chruinneachadh bho stèiseanan sìde air feadh Bhreatainn agus thall thairis. Bithear cuideachd a' gabhail leughaidhean aig muir agus shuas gu h-àrd san àile. Bidh am fiosrachadh seo gu lèir a' dol air coimpiutair gu oifisean na sìde ann am Bracknell, far a bheil e air a thoirt còmhla agus air a dhèanamh na mhapaichean, na chlàran sinoptaig agus na aithrisean sìde.

Smaoinich! Carson a tha coimpiutairean air an cleachdadh airson dàta a chruinneachadh agus airson mapaichean a dhèanamh?

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Coimhead

An anemometer

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu dheidhinn cuid dhe na h-ionnsramaidean a bhios sinn a’ cleachdadh airson an t-sìde a chlàradh agus a ro-innse

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.