Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Eigheachadh > Cleachdadh fearainn ann an cruthan-tìre eighichte

Cruinn-eòlas

Cleachdadh fearainn ann an cruthan-tìre eighichte

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Tha e gu math cumanta aig Sàr Ìre, agus uaireannan aig Meadhan Ìre, ceist a bhith ann mu chleachdadh chruthan-tìre eighichte, an dara cuid air talamh àrd (bleith eigheachail) no air talamh ìosal (tasgadh eigheachail), no uaireannan mu na dhà. Chan eil na ceistean seo a' feuchainn ris a' char a thoirt asad. Tha iad a' feuchainn ri dèanamh a-mach an urrainn dhut a dhol nas fhaide na bhith ag aithneachadh agus a' mìneachadh fheartan gu bhith gan cur ann an co-theacsa daonna. San t-suidheachadh seo, feumaidh fios a bhith agad mar a tha cruthan-tìre eadar-dhealaichte air an cleachdadh, agus carson a tha na dòighean sin freagarrach. Bidh seo glè thric co-cheangailte ri na feartan agus mar a chaidh an cruthachadh. Mar sin tha na ceistean seo a' sgrùdadh an eòlais agus an tuigse a th' agad air eigheachadh agus cruthan-tìre eighichte. Seo na prìomh chleachdaidhean fearainn agus cuid dhe na h-adhbharan airson iad a bhith freagarrach:

Cruthan-tìre talamh àrd

Turasachd / seallaidhean - Tha eigheachadh a' dèanamh tìr-chumadh àrd (glinn dhomhainn agus beanntan àrda, corrach) a bheir dhuinn seallaidhean àlainn me Am Monadh Ruadh, Sgìre nan Lakes.

Coiseachd bheanntan / sreap bheanntan / sreap chreagan - Tha taobhan choireachan agus ballachan-cinn a' dèanamh dìreadh doirbh air na leòidean casa a bhris an deigh. Bidh arêtes agus dromannan nas leatha a' toirt cothrom do luchd-coiseachd faighinn gu mullaich nas cruinne. Tha a liuthad seòrsa cruth-tìre a th' ann a' toirt dùbhlan do luchd-sreap aig gach ìre, gu h-àraidh sa gheamhradh me Am Monadh Ruadh, Beinn Nibheis.

Spòrs geamhraidh - Sgitheadh ailpeach / bùird-shneachda - coireachan a' cruinneachadh agus a' gleidheadh sneachda le iomadh seòrsa leathad bho na taobhan casa chun a' ghrunnd a tha nas còmhnairde. 'S dòcha gum bi sgitheadh thar-dùthcha ri fhaotainn air na leòidean ìosal agus air grunnd a' ghlinne a rèir 's na bhios ann de shneachd.

Sealg - Gu h-àraidh ann an Alba, tha mòran dhen talamh àrd eighichte fo mhòinteach. 'S e pàirt dhen adhbhar nach eil an ùir thana, shearbh freagarrach do mhòran lusan agus 's e pàirt eile dì-choillteachadh agus ionaltradh chaorach san àm a dh'fhalbh. Tha an talamh seo air a chleachdadh airson cearcan-fraoich agus fiadh àrach agus a shealg.

Coilltearachd - Chleachd coilltearachd a bhith air mòran dhe na leòidean ìosal agus dh'fhaodadh coilltearachd fhathast 's dòcha a bhith na chùis eaconamach far a bheil an ùir nas tighe, agus le drèanadh nas fheàrr, agus far nach eil an teòthachd ro anabharr.

Cumhachd Dealan-uisge - Tòrr uisge thar nam beanntan. Faodar lochain choireachan agus glinn chrochte a chleachdadh, no dama a chur orra, airson barrachd uisge a chumail. Tha creagan cruaidhe, criostaileach a' dèanamh bunait làidir agus dìonach. Tha tuiteam cas on choire me Beinn Cruachan, no gleann crochte a' troirt seachad sruth math uisge airson cumhachd dha na tuirbìnean.

Tuathanachas - Mòran chaorach air na leòidean ìosal. Tha ùir bhochd agus ionaltradh a' ciallachadh glè bheag de chaoraich gach acaire. 'S dòcha gum bi ùir alùbhium iar-eighichte air ùrlair ghlinne nas leatha agus gabhaidh cuid de bhàrr a chur.

Fiordan no lochan-mara - Iasgach. Puirt le uisge domhainn do thancairean ola me Finnart air Loch Long. Gheibh bàtaichean mòra faisg air tìr air sgàth taobhan casa a' ghlinne eighichte.

Tuineachadh - Mar as trice dìreach aig cinn lochan-mara no air a' chuid as leatha de ghinn ìosal. Glè thric air taobh deas a' ghlinne airson blàths.

Conaltradh - Doirbh. Ròidean agus rèile glè thric dìreach air taobhan a' ghlinne agus a' stad aig ceann a' ghlinne.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Coimhead

Man standing in a field

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu dheidhinn nan seòrsachan thasgaidhean eigheachail ann an Norfolk agus mar a tha iad fhathast a’ toirt buaidh air a’ chruth-tìre agus mar a thathar ga chleachdadh

Coimhead

Highland cow

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu dheidhinn tuathanachas air an talamh àrd mu Loch Laomainn an dèidh an eigheachaidh

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.