Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Did you know?

We also have Bitesize study guides covering many subjects at National 4 and National 5 on our Knowledge & Learning BETA website.

Dachaigh > Cruinn-eòlas > Aibhnichean > Pròiseasan aibhne

Cruinn-eòlas

Pròiseasan aibhne

Air Ais

Tha dà sheòrsa ceist ann a dh'fhaodadh nochdadh mu phròiseasan aibhne. 'S e aon dhiubh pròiseasan na h-aibhne a mhìneachadh. 'S e an tèile innse mar a tha na pròiseasan a' dèanamh chumaidhean tìre. Bidh iad uaireannan a' dol an lùib a chèile. Feumaidh fios a bhith agad dè tha am briathrachas a' ciallachadh, agus feumaidh tu a chleachdadh airson innse mu phròiseasan. 'S e na prìomh phròiseasan ann an aibhnichean: bleith [bleith: An talamh agus na clachan a tha an abhainn a’ giùlan air am bleith. , giùlan [giùlan: An abhainn a’ gluasad chreagan, gainmheach agus eabar. , tasgadh [tasgadh: Creagan, gainmheach agus eabar gan cur sìos far am bi an abhainn a’ fàs mall. Creagan, gainmheach agus eabar gan cur sìos far am bi an abhainn a’ fàs mall. .

Airson an stuth seo fhaicinn, feumar an dà chuid Javascript agus Flash a chuir a dhol.

Faidhle

Teacsa airson am pìos bhideo seo.

Trioblaid leis am faidhl seo? Rach gu BBC Webwise airson taic le Adobe Reader.

Bleith

Is iad na prìomh dhòighean anns am bi bleith a' tachairt:

  • Bualadh - Grunnd agus bruaichean na h-aibhne gan caitheamh air falbh leis an luchd a' bualadh annta.
  • Bleith - An luchd ga chaitheamh sìos nuair a bhios na creagan agus na molagan a' bualadh na chèile agus ann an grunnd na h-aibhne.
  • Obair Hydroilig - Grunnd agus bruaichean aibhne gam briseadh air falbh air sgàth fòrsa an uisge a' dol a-steach do sgàinidhean beaga.
  • Obair Cheimigeach (Meirgeadh) - Uisge a' leaghadh mhèinnirean bho na creagan agus gan glanadh air falbh.
Air Ais

Coimhead

Corrasion

Learning Zone Scotland

Earrann bhidio mu dheidhinn easan, agus mar a tha bleith agus sgrìobadh a’ doimhneachadh lòn-easan

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.