Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Leughadh > Sgeulachd

Gàidhlig

Leughadh

Sgeulachd - Deuchainn

1.

"Is beag a bha a dh'fhios agam ceithir bliadhna air ais gum bithinn nam sheasamh an-diugh air podium aig na h-Oilimpigs a' feitheamh airson bonn òir." Dè nach robh fios aig an neach-labhairt ceithir bliadhna air ais?

2.

"Is beag a bha a dh'fhios agam ceithir bliadhna air ais gum bithinn nam sheasamh an-diugh air podium aig na h-Oilimpigs a' feitheamh airson bonn òir." Carson a bha i na seasamh far an robh i?

3.

"B' e rèis 200m a' cho-fharpais agamsa agus tha mi a' tuigsinn a-nis luach an trèanaidh a h-uile latha an dèidh na sgoile agus a h-uile Disathairne." Dè tha i a' tuigsinn a-nis?

4.

"B' e rèis 200m a' cho-fharpais agamsa agus tha mi a' tuigsinn a-nis luach an trèanaidh a h-uile latha an dèidh na sgoile agus a h-uile Disathairne." Dè cho tric 's a bhiodh i a' dèanamh sin?

5.

"Tha mi a' smaoineachadh gun do chuidich e mi a bhith a' fuireach air eilean le machraichean farsaing brèagha." Dè chuidich i?

6.

"Tha mi a' smaoineachadh gun do chuidich e mi a bhith a' fuireach air eilean le machraichean farsaing brèagha. Suas agus sìos na cnuic. Air ais 's air adhart air an tràigh. Bliadhna an dèidh bliadhna. Ach, b' fhiach e." Càit am biodh i a' trèanadh?

7.

"An trèanair agam. Bha ise math. Choisinn ise bonn òir cuideachd na h-òige." Dè tha i ag innse mun trèanair aice?

8.

"Bha agam ri biadh le tòrr gualaisg ithe airson lùths." Dè an seòrsa bìdh a bha aig an sgrìobhadair ri ithe?

9.

"Bha agam ri feòil dhearg, càise, feòil-mhuc, biadh air a fhraidheagaidh, bainne slàn agus ìm a sheachnadh." Dè sheachain an sgrìobhadair?

10.

"Bha sin doirbh, ach chuir mi romham nach robh rud sam bith a' dol a mhilleadh an cothrom a bha agam ruith anns na h-Oilimpigs." Dè chuir i roimhpe?