Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Leughadh > Naidheachdan (Sàr Ìre)

Gàidhlig

Leughadh

Naidheachdan - Deuchainn

1.

"Thàinig fios on Riaghaltas an-diugh gu bheil rannsachadh poblach gu bhith ann a thaobh an rathad timcheall Loch Liapaig." Dè thuirt an Riaghaltas mun rathad timcheall Loch Liapaig?

2.

"Tha leth-cheud mìle càr a' siubhal air an rathad gach latha, ach le droch staid an rathaid chan urrainn dhaibh a dhol nas luaithe na 30 no 40 mìle san uair." Carson nach urrainn do dhràibhearan a dhol nas luaithe na 30 no 40 mìle san uair?

3.

"Thuirt fear-labhairt bho choimhearsnachd ionadail Loch Liapaig gun robh iad a' dèanamh fiughair ris an naidheachd ann am Baile Liapaig." Dè thuirt fear-labhairt bho choimhearsnachd ionadail Loch Liapaig?

4.

"Thuirt e cuideachd gun robh iad air a bhith a' gearain o chionn fichead bliadhna co-dhiù mu dhroch staid an rathaid agus gun robh iomadach tubaist air a bhith air an rathad." Dè na gearain a bha aig muinntir Bhaile Liapaig?

5.

"Thuirt neach-labhairt on Riaghaltas gun robh làn àm rudeigin a dhèanamh mun rathad seo." Dè thuirt neach-labhairt on Riaghaltas?

6.

"Thuirt e gun robh am partaidh aige dìreach air faighinn a-steach mar Riaghaltas agus gum b' e seo aon de na molaidhean aca ron taghadh nàiseanta." Carson nach do rinn an Riaghaltas dad ron seo?

7.

"Bha e an dòchas gum biodh rathad brèagha ùr ann taobh a-staigh deich bliadhna." Dè tha an Riaghaltas an dòchas a thachras taobh a-staigh deich bliadhna?

8.

"Bha an luchd-labhairt bhon AA agus bhon RAC le chèile toilichte an naidheachd a chluinntinn. Thuirt Anna NicDhòmhnaill bhon AA gun dèanadh rathad ùr feum do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd." Dè tha an AA ag ràdh mun chùis?

9.

"Bhiodh cothrom aig dràibhearan siubhal nas luaithe agus bhiodh an ùine eadar Glaschu agus A' Ghearastan air a ghearradh gu mòr." Dè am feum a nì rathad ùr do dhràibhearan?

10.

"Bha ise den bheachd gun sàbhaladh dràibhearan leth-uair a thìde air an rathad ùr." Dè an ùine a tha daoine a' dol a shàbhaladh air an turas eadar Glaschu agus A' Ghearastan?