Dachaigh > Eachdraidh > An Ruis 1914 gu 1941 > Ar-a-mach an Dàmhair 1917

Eachdraidh

An Ruis 1914 gu 1941

Ar-a-mach an Dàmhair 1917 - Deuchainn

1.

Cha robh daoine measail idir air an Riaghaltas Shealach san Ruis. Ciamar a chuidich sin na Bolsheviks gus a' chùis a dhèanamh ann an Ar-a-mach an Dàmhair 1917?

2.

Ciamar a chuidich Sobhiet Phetrograd (comann shaighdearan is luchd-obrach) na Bolsheviks gu bhith a' lagachadh Riaghaltas Sealach na Ruis?

3.

Nuair a thill Lenin dhan Ruis sa Ghiblean 1917 mar Cheannard air na Bolsheviks, agus a thug e geallaidhean dhan luchd-leantainn aige, ciamar a dh'adhbhraich e ar-a-mach soirbheachail san Dàmhair 1917?

4.

Nuair a chuir Feachd Dearg nam Bolsheviks fodha feachdan Seanalair Kornilov san t-Sultain 1917, ciamar a dh'adhbhraich e ar-a-mach soirbheachail san Dàmhair?

5.

Carson a stèidhich na Bolsheviks Comataidh Ar-a-mach Armailteach?

6.

Carson a bha Trotsky os cionn iomairt nam Bolsheviks gus cumhachd a ghlacadh?

7.

Ciamar a fhuair na Bolsheviks smachd air Petrograd?

8.

Carson a bha na Bolsheviks ag iarraidh smachd air Moscow mar phàirt dhen ar-a-mach?

9.

Carson a chuir ar-a-mach nam Bolsheviks san Ruis san Dàmhair 1917 crìoch air sliochd rìoghail nan Romanov?

10.

Ainmich cuid dhe na h-adhbhair airson nach deach aig Tsar Nicholas II air cumhachd a ghleidheadh.