Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Leughadh > Fiosrachadh siubhail (Sàr Ìre)

Gàidhlig

Leughadh

Fiosrachadh siubhail - Deuchainn

1.

"An t-seachdain seo tha sinn a' dol a thadhal air baile beag air a' Ghàidhealtachd a tha gu math ainmeil airson iomadach adhbhar, Am Ploc." Dè tha an t-artaigil seo ag ràdh mun Phloc anns a' chiad pharagraf?

2.

"Tha Am Ploc faisg air Loch Aillse agus tha mu ceithir cheud neach a' fuireach anns a' bhaile bheag bhrèagha seo. 'S e cala gu math seasgair, ainmeil a tha ann le tòrr bàtaichean a' tadhal as t-samhradh." Dè am fiosrachadh a tha air a thoirt seachad mun Phloc anns an dara paragraf?

3.

"Tha dhà no trì prògraman telebhisein air a bhith air an clàradh anns A' Phloc. Bidh fios aig mòran gun robh an sreath Hamish Macbeth air a chlàradh an seo agus cuideachd bha earrannan de Inspector Allen Mysteries air an clàradh ann an seo cuideachd." Carson a tha na prògraman telebhisein Hamish Macbeth agus Inspector Alle Mysteries air an ainmeachadh?

4.

" 'S e seann bhaile a tha ann le seann thaighean a tha a' dol air ais dhan 18mh agus 19mh linn." Dè am fiosrachadh eachdraidheil a tha sinn a' faighinn an seo?

5.

"Chaidh a leasachadh anns na linntean sin airson cothrom a thoirt do Ghàidheil cosnadh fhaighinn bhon iasgach." Carson a chaidh Am Ploc a leasachadh?

6.

"Shoirbhich seo airson greis. An-diugh tha Am Ploc beò le luchd-ealain, luchd togail-dhealbh, agus luchd-turais." Ciamar a tha fios againn nach do mhair an leasachadh seo?

7.

"Shoirbhich seo airson greis. An-diugh tha Am Ploc beò le luchd-ealain, luchd togail-dhealbh, agus luchd-turais." A rèir na h-earrainne, cò a tha Am Ploc a' tarraing an-diugh?

8.

"Tha a' chuid as motha de luchd-turais a' tighinn air sgàth 's gu bheil iad sgìth de na saor-làithean a tha na companaidhean mòra a' tairgsinn. Tha iad airson fois agus sìth fhaighinn." Carson a tha luchd-turais a' tighinn dhan àite?

9.

"Bidh tòrr luchd-turais a' dol air na tursan bàta as t-samhradh. Bidh iad a' seòladh timcheall bàgh A' Phluic far a bheil ròin agus eunlaith." Carson a bhios luchd-turais a' dol air tursan bàta sa Phloc?

10.

"Ma gheibh thu an cothrom a dhol ann, tha mi glè chinnteach gun aidich thu gur e baile air leth brèagha a tha ann agus gu bheil taighean-bìdh ann a tha ri bhith air am moladh." A bharrachd air na seallaidhean brèagha, dè eile a tha ri mholadh anns A' Phloc a rèir a' pharagraf mu dheireadh?