Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Leughadh > Eachdraidh-beatha

Gàidhlig

Leughadh

Eachdraidh-beatha - Deuchainn

1.

"Cò shaoileadh nuair a rugadh mi, ceud bliadhna air ais, gum bithinn-sa beò fhathast." Dè tha a' cur iongnadh air an sgrìobhadair?

2.

"Nuair a choimheadas mi air ais, tha e a' cur eagal orm na h-atharrachaidhean a tha air tighinn air an t-saoghal." Dè tha a' cur eagal air?

3.

"Rugadh mi anns an dachaigh againn ann an Inbhir Pheofharain." Càit an d' rugadh an sgrìobhadair?

4.

"Bha an Rìgh Eideard VII a' riaghladh na dùthcha agus bha sinn sia bliadhna air falbh on chogadh a b' oillteile a chunnaic an saoghal riamh, An Cogadh Mòr." Dè tha e ag ràdh mun Chogadh Mhòr?

5.

"Bha mise còig bliadhna a dh'aois nuair a thòisich an cogadh sin. Cha robh taigh anns a' bhaile aig nach robh aon duine co-dhiù a bha an sàs anns a' chogadh, an dàrna cuid anns an arm no anns a' nèibhidh." Dè tha an sgrìobhadair ag ràdh mu gach taigh anns a' bhaile aige?

6.

"Dh'fhalbh m' athair dhan Fhraing ann ann 1916 còmhla ri balaich eile às a' Ghàidhealtachd. Cha do thill e." Dè tha an sgrìobhadair ag innse mu athair?

7.

"B' fheudar do mo bhràthair Uilleam, a bha sia bliadhna deug a dh'aois aig an àm, coimhead an dèidh an teaghlaich - dithis bhràthair agus dithis pheathraichean." Dè bha aig a bhràthair Uilleam ri dhèanamh aig aois 16 bliadhna?

8.

"Bha cùisean doirbh ach bha na nàbaidhean gu math coibhneil. Fhuair Uilleam obair aig MacShimidh, an t-uachdaran. B' e duine gasta a bha ann." Dè tha an sgrìobhadair ag ràdh mun uachdaran?

9.

"Nuair a dh'fhàg mise an sgoil aig 14 bliadhna a dh'aois chaidh mi a dh'obair còmhla ri tuathanach anns a' bhaile. Bha mi a' dèanamh tòrr rudan eadar-dhealaichte air an tuathanas." Dè rinn an sgrìobhadair aig aois 14 bliadhna?

10.

"Tha mi cinnteach gur e an rud a b' fheàrr a chòrd rium 's e a bhith a' treabhadh as t-earrach." Dè an rud a b' fheàrr a chòrd ris mun obair?