Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Sgrìobhadh > Sgrìobhadh mìneachail

Gàidhlig

Sgrìobhadh mìneachail

Air Ais

Stiùireadh airson ceist 2

Sgrìobh air AON de na cuspairean a leanas.

2. "Bochdainn san t-saoghal." Sgrìobh mu do bheachdan air dè bu chòir a bhith air a dhèanamh airson daoine bochda a chuideachadh.

Tha an cuspair seo a' toirt cothrom dhut sgrìobhadh mu bhochdainn san t-saoghal.

An do dh'fheuch thu riamh aiste a sgrìobhadh le 'mind-map'? Cuidichidh 'mind-map' thu le bhith smaoineachadh mu eileamaidean cudromach a bu chòir a bhith anns an aiste no sgeulachd agad.

Faodaidh sinn feuchainn ri aiste a sgrìobhadh le 10 paragrafan air bochdainn san t-saoghal.

An uair a thòisich mi air an aiste seo, dh'fhaighnich mi dhìom fhìn: 'Dè tha ann am bochdainn?' An uair sin smaoinich mi air àitean san t-saoghal a tha bochd airson adhbhar air choreigin.

Le sin bha toiseach tòiseachaidh agam agus b' urrainn dhomh tiotal a thoirt dha na paragrafan anns a' mind-map agam mar seo:

Eisimpleir de 'mind-map': Middle bubble: Bochdainn san t-saoghal. 1. Dè tha ann am bochdainn?2. Àite san t-saoghal a tha bochd - Afraga.3. An gabh Afraga cuideachadh?4. Àite eile san t-saoghal a tha bochd Indonesia agus an Tsunami.5. Aon dòigh anns a dh'fhaodadh sinn Indonesia a chuideachadh.
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.