Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Sgrìobhadh > Fiosrachadh mun phàipear sgrìobhaidh

Gàidhlig

Fiosrachadh mun phàipear sgrìobhaidh

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Iarrtasan a’ phàipeir

Anns a’ phàipear-sgrìobhaidh bidh agad ri:

1. Aon phìos sgrìobhaidh a thaghadh bho chòig ceistean. Tha 30 comharra ann airson freagairt anns a’ phàipear sgrìobhaidh.

  • Dèan cinnteach gun toir thu deagh shùil air na ceistean agus gun tagh thu ceist a tha thu comasach air freagairt.

2. Freagairt a sgrìobhadh a tha a’ cumail ri cuspair na ceiste.

  • Bhiodh eadar 360 agus 500 facal gu leòr, ach ’s e cho math ’s a tha an sgrìobhadh agad an rud a tha a’ cunntadh.
  • Na gabh cus uallaich mun àireamh de dh’fhaclan
  • Airson stiùireadh a thoirt dhut:
    • Tha eadar 15-20 facal anns gach seantans anns a’ mhòr-chuid de sgrìobhaidhean an-diugh.
    • Tha eadar 3-5 seantansan anns gach paragraf anns a’ mhòr-chuid de sgrìobhaidhean an-diugh.
    • Tha seo a’ ciallachadh gum bi còig no sia paragrafan anns a’ chuid as motha de dh’aistean airson na deuchainn seo. Chan eil sin ri ràdh nach bi barrachd na sia paragrafan aig feadhainn agus nas lugha na còig aig feadhainn eile.
  • Cuimhnich, 's e cho math 's a tha an sgrìobhadh agad an rud a tha a' cunntadh agus cuideachd cho math 's a tha thu a' freagairt na ceiste.

3. Freagairt a sgrìobhadh a bhios a’ coilionadh iarrtasan SQA.

Seo na h-iarrtasan airson ìre A ann an Sgrìobhadh

Freagairt a sgrìobhadh a bhios a’ coilionadh iarrtasan SQA.

Mark RangeDescription of Performance
25-30
  • The candidate produces an extended piece of writing which adheres closely to the prescribed task.
  • The candidate produces an extended piece of writing which demonstrates close engagement with the topic.
21-24
  • The candidate’s response reveals control of the task through the use of a wide range of vocabulary, idiom and language structures
  • The candidate’s response is presented with a high degree of clarity, fluency and accuracy

Tha seo a’ ciallachadh gu feum thu a bhith mothachail air na rudan seo:

  • cumail ris a’ cheist
  • ùidh a shealltainn anns a’ chuspair a tha thu a’ sgrìobhadh mu dheidhinn
  • raon farsaing de dh’fhaclan a chleachdadh
  • gnàthasan cainnt a chleachdadh far a bheil e iomchaidh
  • measgachadh de structaran a chleachdadh
  • sgrìobhadh ann an stoidhle a tha soilleir a thuigsinn
  • sgrìobhadh ann an dòigh a tha a’ sealltainn gu bheil thu fileanta agus comasach air cumail ri riaghailtean gràmar na Gàidhlig

Nuair a bhios an neach-sgrùdaidh a’ coimhead air a’ phìos agad bidh e no i a’ sgrùdadh mar a dhèilig thu ris na puingean seo.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.