Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Sgrìobhadh > Cuideachadh agus Comhairle

Gàidhlig

Cuideachadh agus Comhairle

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

Ron deuchainn

Eadar seo agus an deuchainn feumaidh tuigse cheart a bhith agad air dè dh'fheumas tu a dhèanamh airson na sgilean sgrìobhaidh agad a thoirt air adhart. Seo beagan cuideachaidh:

  • Bhiodh e glic obair a dhèanamh air gach seòrsa aig an taigh anns na seachdainean ron deuchainn. Faodaidh tu seann phàipearan a chleachdadh no cuspairean a tha a' còrdadh riut fhèin a thaghadh. Leasachaidh seo do bhriathrachas agus do sgilean sgrìobhaidh.
  • Dh'fhaodadh tu fhèin agus caraid sgriobtaichean a chèile a leughadh agus bruidhinn air na h-aistean agaibh.
  • Cuimhnich fad nan seantansan agad atharrachadh. Tha thu ag iarraidh measgachadh de fheadhainn fhada agus goirid.
  • Dèan cinnteach gum bi toiseach inntinneach agus crìoch èifeachdach agad. Bidh buaidh aige seo air an neach a bhios a' ceartachadh na h-aiste agad.
  • Bu chòir structar soilleir, furasta a thuigsinn a bhith air:
    • an aiste fhèin
    • gach paragraf
    • gach seantans

Tha seo a' ciallachadh gu bheil thu a' dol a dh'fheuchainn ri ceanglaichean fhaighinn eadar gach seantans agus eadar gach paragraf. Chì sinn eisimpleirean de dh'aistean anns na roinnean sgrìobhaidh eadar-dhealaichte.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.