Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Litreachas > Sgeulachd Ghoirid

Gàidhlig

Sgeulachd Ghoirid

Air Ais

Sgeulachd Ghoirid

Anns a' ghreimean mheasaidh a leanas coimheadaidh tu air sgeulachd ghoirid a sgrìobh Iain Mac a' Ghobhainn. Nuair a chrìochnaicheas tu i, bidh cothrom agad ceist litreachais a fhreagairt mu deidhinn.

Sgeulachd Cogaidhle Iain Mac a' Ghobhainn

  1. Bha bodach anns a' bhaile dom b' ainm Ruaraidh. Bha Murchadh a' smaoineachadh gun robh e a' coimhead uabhasach aosd agus leis an fhìrinn innse bhiodh e cleachdadh bata. Nuair a shealladh tu ris gu geur shaoileadh tu gu robh a làmhan air chrith agus bha spotan geala air a dhùirn. Ach nam faighnicheadh tu ciamar a bha e, chanadh e gu robh e ceart gu leòr.
  2. An latha bha seo thuirt tidsear Mhurchaidh ris a' chlas, "Tha sinn a' dol a dhèanamh pròiseact air a' chogadh mu dheireadh, 's e sin an cogadh a thachair eadar 1939 is 1945. A bheil fhios aig duine sam bith air càil mu dheidhinn a' chogaidh seo?"
  3. Ach bha a' chuid bu mhotha den chlas aineolach air a' chogadh sin. Dh'innis i dhaibh gu robh na Breatannaich a' sabaid ris na Gearmailtich agus gu robh na h-Ameireaganaich agus na Breatannaich a' sabaid ri na Japanese.
  4. "Tha feadhainn beò anns a' bhaile agaibh a bh' anns a' chogadh sin," ars ise.
  5. Agus sin bu choireach gun deach Murchadh aon latha a cheasnachadh Ruaraidh a bha air a bhith anns a' chogadh sin. Thug athair dha teip-recorder beag 's sheall e dha ciamar a chleachdadh e e. "Suidhidh sinn air a' bheing seo air beulaibh an taighe." arsa Ruaraidh a bha toilichte gu leòr bruidhinn ris an teip-recorder.
  6. "Tha mi 'n dòchas nach bi do cheistean ro dhuilich." Air am beulaibh bha am baile beag, agus chunnaic Murchadh clann bheaga a' falbh air baidhseagalan. Bha e a' faireachdainn beagan nearbhasach an toiseach ach bha Ruaraidh uabhasach coibhneil.
  7. Innsidh mi dhut càit an robh mi," ars esan. 'Bha mi anns an Air Force ach an Air Force anns an robh mise bha e ceangailte ris an Nèibhidh. Bhiodh sinn a' falbh 's a' tighinn air ais gu 'aircraft carriers'. 'S e navigator a bh' annam. 'S e sin ri ràdh, bhithinn ann an dòigh a' stiùireadh a' phlèana. Anns an latha a th' ann an-diugh, tha coimpiutairean agus innealan mar sin aca airson plèanaichean a stiùireadh, ach cha robh na nithean sin againne idir. Cha robh gu dearbha.
  8. Tha cuimhn' am aon turas agus theab sinn ar plèana a chall agus fairge mhòr ann 's an 'aircraft carrier' a' gluasad sìos is suas anns a' mhuir. Dh'fheumadh sinn tighinn sìos air an deic - ceart, dìreach ceart '.
  9. Agus dh'fhàs a ghuth na bu làidire mar gum biodh e air a' phlèana.
  10. "Agus bhiodh na Japanese a' tighinn às ar dèidh cuideachd. An cuala tu riamh am facal Kamikaze? Uill, innsidh mi dhut dè a tha am facal sin a' ciallachadh. Bha feadhainn de na Japanese cho treun 's gum biodh iad a' stiùireadh an cuid phlèanaichean dìreach air an 'aircraft carrier' agus ga bhualadh a dh'aon ghnothaich airson a chur na smàl. Smaoinich air sin," ars esan. "Bha iad gam marbhadh fhèin, ach sin mar a bha iad. Dhèanadh iad càil sam bith don ìompaire aca."
  11. Fhad 's a bha e a' bruidhinn bha a ghuth a' fàs na bu làidire.
  12. Bha dithis bhalach a' ruith rèis lem baidhseagalan.
  13. "Aon turas," ars esan, "chunna sinn aon de na plèanaichean sin a' teàrnadh às an adhar. Bha fhios againn ceart gu leòr dè bha dol a thachairt. 'Action Stations, Action Stations', chuala sinn. Agus cho luath ri càil bha sinn anns an adhar. Dh'fheumadh sinn am plèana ud a thoirt sìos mus dèanadh i daoibhe air a' charrier. Bha an carrier a' dol zigzag anns a' mhuir agus a gunnachan a' feuchainn ris a' phlèana a leagail. Bha am muir na aon chop.
  14. Ach bha sinn a-nis a' dlùthachadh air a' phlèana. 'S e navigator a bh' annamsa agus dh'fheumainn am pìleat a chumail ceart. Chithinn am pìleat Japanese anns a' phlèana eile. Ann am mionaid no dhà bha e dol a dhaoibheadh. Rinn e sin ach bha an carrier air tionndadh air falbh 's i a' dol zigzag anns a' bhùrn agus na gunnachan aice a' sprèadhadh. Uill, a bhalaich, chan fhaca tu càil coltach ris. Ach feumaidh tu cumail cool, feumaidh gu dearbha. Thòisich na gunnachan againn fhìn a' sprèadhadh air a' phlèana Japanese. Ach cha do bhuail sinn idir i. Chan fhaicinn aodann a' phìleat ud ged a bha mi coimhead a chlogaid. A-nis chan eil eagal sam bith ort nuair a tha thu ann an spàirn coltach ri siud, chan eil tìde agad. Tha am muir ag èirigh thugad 's a' teiche bhuat, tha na sgòthan mun cuairt ort. Tha thu a' cluinntinn ghuthan air an inter com.
  15. Agus thàinig an smaoin thugam. Am bu chòir dhuinne cuideachd sinn fhìn a sgrios, agus ar plèana a bhriseadh air a' phlèana Japanese? Nach biodh sin na b' fheàrr na 'aircraft carrier' a dhol na smàl?" Bha guth Ruaraidh a' fàs luath, dìreach mar gum biodh e anns an adhar.
  16. "Co-dhiù," ars esan, "nuair a bha am plèana Japanese a' tionndadh airson daoibheadh a-rithist, bhuail sinn i ler gunnachan. Bha sinn a' falach ann an sgòth agus chan fhac e sinn. Chunna mi am plèana aige a' tionndadh 's a' tionndadh anns an adhar 's a' dol na smàl. Mu dheireadh chaidh i sìos anns a' mhuir agus thill sinne chun an 'aircraft carrier'. Ach," ars esan, "thuirt mi rium fhìn, 's e gaisgeach a bh' anns a' phìleat ud 's cha robh mi faireachdainn pròis sam bith. Cha robh gu dearbha. Gu dearbha fhèin cha robh. Bha athair is màthair aige agus 's math dh'fhaodte bean. Ach chan eil mi smaoineachadh gum biodh bean aige, bhiodh e gu math òg.
  17. Ach cha do thachair riumsa anns a' chogadh uimhir 's a thachair ri Aonghas Donn. Aithnichidh tu Aonghas Donn, tha fhios gun aithnich. Uill, bha esan na phrìosanach aig na Japs. Bha gu dearbha." Chaidh e na thàmh airson mionaid agus chuala Murchadh an teip a' tionndadh agus chunnaic e na balaich air am baidhseagalan.
  18. Bha sàmhachd na laighe air a' bhaile. Bha am muir fhèin sàmhach agus lainnir na grèine a' lasadh bhuaithe.
  19. "Sin mar a bha," arsa Ruaraidh. "Ach bha sinn òg anns na làithean ud. Cha robh mise ach ochd bliadhna deug."
  20. Bha Murchadh a' smaoineachadh gu robh ochd bliadhna deug fhèin aosd.
  21. Ach smaoinich thusa, bha thu coimhead Ruaraidh na shuidhe air a' bheing air beulaibh an taighe 's bha e coimhead cho critheanach 's bha bat aige, ach a dh'aindeoin sin smaoinich thusa na 'adventures' a bh' aige.
  22. "Agus bha mi aig batail mhòra cuideachd eadar na h-Ameireaganaich 's na Japs 's iad a' lorg a chèile air feadh na fairge agus sinn shuas anns an adhar a' lorg nèibhidh nan Japs. Abair thusa gur e batail a bha siud, tha mi an dòchas nach fhaic mi a leithid. 'Aircraft carriers' a' cur suas nam plèanaichean 's iad a' sabaid anns na sgòthan. Tha e duilich dhomh a thuigsinn gu robh mi idir anns a' Phacific."
  23. "An dèan sin a' chùis dhut? Chan eil mi airson gaisgeach a dhèanamh dhiom fhìn."
  24. Shaoil Murchadh airson mionaid nach robh làmhan Ruaraidh cho critheanach, gu robh a dhruim na bu dìriche. Ach smaoinich thusa air Ruaraidh a' sabaid ris na Japs à plèana a bhiodh ag èirigh bho 'aircraft carrier'. Nach robh sin àraid.
  25. 'S e latha bòidheach a bh' ann cuideachd, le grian shoilleir làidir. Cha robh sgòth anns an adhar no plèana air a cùlaibh. Bha an t-adhar falamh ach a-mhàin gu faca Murchadh clamhan a' feitheamh os cionn faiche 's a' clapadh a sgiathan.

Anns a' chumantas ma tha fios agad air na trì rudan a leanas, bu chòir comas a bhith agad air ceist litreachais sam bith a fhreagairt.

  1. Cò mu dheidhinn a bha am pìos agus carson a chaidh a sgrìobhadh? - feumaidh comas a bhith agad geàrr-chunntas a thoirt seachad air a' phìos le tuigse mun adhbhar a chaidh am pìos a sgrìobhadh .
  2. Dè na h-innleachdan teicnigeach a chleachd an sgrìobhadair? - feumaidh comas a bhith agad briathrachas litreachais cumanta aithneachadh, mar a bha am pìos air a chur ri chèile, agus innleachdean teicnigeach sam bith eile a chleachd an sgrìobhadair.
  3. Dè dh'ionnsaich thu bhuaithe? - Ciamar a thug am pìos dùbhlan dhut, no ciamar a chuidich am pìos thu do bheachdan dhaingneachadh no do bheachdan atharrachadh?

Faodaidh sin an dòigh seo a chleachdadh air Sgeulachd Cogaidh le Iain Mac a' Ghobhainn agus chì sinn am b' urrainn dhuinn ceist litreachais a fhreagairt.

Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.