Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Litreachas > Bàrdachd

Gàidhlig

Bàrdachd

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

Bàrdachd

Anns a' ghreimean seo, bidh thu a' sgrùdadh bàrdachd le Anna Frater, Ar Cànan 'S Ar Clò. Nuair a bhios tu deiseil den sgrùdadh, bidh cothrom agad ceist litreachais a fhreagairt.

Ar Cànan 'S Ar Clò le Anna Frater

Bha bodach na mo bhaileaig an robh beairt,agus leis a' bheairtdhèanadh e clò,agus chaidh aodacha dhèanamh den chlò,agus bhiodh na daoinea' cur orra 'n aodaich -aodach tiugh trom a chumadh blàth iad.Ach thàinig fear eile,fear na b' òige,fear nach buineadh don bhaile,agus bha beairt ùr aigeagus snàth ùr -dathan air an goid bhon bhogha-froise -agus aodach tana, lom,agus àlainn, ann am beachd nan daoine.Chum am bodach airleis an t-seann bheairtach bha na daoine òg a' fanaid air,agus cheannaich iad uilena beairtean ùra,agus thòisich iad a' dèanamhnan clòitean ùra, agus cha robh dragh aca mu dheidhinn a' chlòair beairt a' bhodaich.Ach, an dèidh ùine thàinig an geamhradh agus cha chumadh an t-aodach lomle na snàithtean brèaghaagus na dathan soilleir a-mach am fuachd, agus cha robh feumanns na beairtean ùra.Lorg iad am bodach agus chunnaic iad a' bheairt, agus chunnaic iad an clò, ach cha b'urrainn dhaibha' bheairt obrachadh,oir bha i air fàs meirgeachagus bha am bodach marbh.

  • Duilleag
  • 1
  • 2
  • 3
Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.