Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Leughadh > An Earrann

Gàidhlig

An Earrann

Air Ais

Làithean Nan Uachdaran (le cead bho SQA)

  1. Bha Iain a’ dol a thilleadh dhachaigh. Ann an dòigh cha b’ ann a’ dol a thilleadh a bha e, oir cha robh e air an dachaigh fhaicinn riamh—chan fhaca e i ach tro shùilean a sheanar a bhiodh ga lìonadh le sgeulachdan an àm a dh'fhalbh—ach na bheachd-san ’s i a dhachaigh a bh’ innte.
  2. B’ e duine sona a bha ann an seanair Iain, seadh gus an tigeadh e chun nan uachdaran, a chuir na daoine air falbh às an fhearann anns an t-seann dùthaich.
  3. Ged nach fhaca e riamh i bha rudeigin ann an cridhe Iain a bha ag ionndrainn ceò na mòna. Saoil an robh an seann taigh fhathast na sheasamh anns a’ ghleann? No an robh an talamh fo chaoraich? Chuimhnich e air na sgeulachdan a bhiodh a sheanair ag innse dha mu na caoraich bhàna a dhòirt air a dhachaigh mar shneachda à ifrinn.
  4. Ach bha ceud bliadhna is còrr bhon uair sin agus cha robh rian nach robh sneachda ifrinn a-nise air leaghadh agus nach robh na h-uachdarain air bàsachadh.
  5. Choimhead e a-mach air uinneag a’ phlèin ’s i a’ sgiathalaich os cionn an fhearainn. Shìos fodha bha bogsaichean mòra geala ag èirigh às an talamh ’s cha robh tughadh idir orra.
  6. Anns a’ bhus bha iad a’ còmhradh a-null ’s a-nall ach cha robh e a’ dèanamh mòran èisteachd riutha. Bha corra chaora ag ionaltradh, gu neo-chiontach, air taobh an rathaid.
  7. Nuair a stad am bus leum e a-mach, agus, nuair a rinn e sin, thuig e airson a’ chiad uair gur e coigreach a bha ann. Cha robh fhios aige càite an deigheadh e. Cha robh e idir mar a dh’innis a sheanair dha. Thog e a mhàileid agus choisich e air adhart.
  8. Anns an taigh-òsta, dh’fhaighnich e mun t-seann taigh. An uair sin dh’fhàg e na màileidean an sin agus choisich e a-mach dhan t-saoghal.
  9. Ràinig e an taigh ach cha robh e idir ann. Ach, co-dhiù chaidh e a-steach. Bha a sheanair na shuidhe air beulaibh an teine.
  10. “Seo," ars a sheanair, “far a bheil an seann taigh. Chì thu cho seasgair agus cho blàth ’s a tha e. Seo far an do rugadh mi." An uair sin, gu h-obann, thuit an taigh mu a chluasan le fuaim eagalach, agus choisich e a-mach tro na clachan.
  11. Thill Iain chun an taigh-òsta agus thòisich e a’ smaoineachadh. Cha tilleadh e a Chanada idir. Dh’innis an taigh dha nach robh e na choigreach tuilleadh.
  12. Cha b’ fhada gus an do chuir Iain eòlas air sluagh an àite. Bha faclan am beòil coibhneil, càirdeil ris. Bha e a’ faireachdainn gun robh e aig an taigh.
  13. “Gheibh mi fearann," thuirt e ris fhèin, “agus togaidh mi taigh às na clachan ud. Tha mi a’tilleadh gu m’ àite fhèin."
  14. Bha Iain a’ bruidhinn ri Calum san taigh-òsta. Bha iad a’ bruidhinn air na seann làithean. B’ e duine gasta a bha ann an Calum, fìor charaid, chanadh Iain, duine a thug fàilte chridheil dha a-steach am measg an t-sluaigh.
  15. “Bha," thuirt Calum, “bha na h-uachdarain dona. Bha iad airson caoraich a chur air an fhearann agus airson sin dh’fhuadaich iad na daoine a-null a Chanada. Ach an-diugh chan eil sinn cho borb sin. Tha sinn air adhartas mòr a dhèanamh."
  16. “Trobhad dhachaigh còmhla rium airson do shuipeir," thuirt e ri Iain. Agus rinn Iain sin.
  17. “Cuin a tha thu a’ dol dhachaigh a Chanada?" dh’fhaighnich Calum aig deireadh na h-oidhche.
  18. “Chan eil mise a’ dol a Chanada tuilleadh," fhreagair Iain. “Tha mi ag iarraidh fuireach an seo. Tha mi ag iarraidh fearann air an tog mi taigh. ’S tusa a tha os cionn na comataidh a bhios a’ coimhead ris na rudan sin, nach tu? Tha fhios gum faigh mi pìos fearainn air an tog mi taigh?"
  19. Bha Calum greiseag mus do fhreagair e. “Uill," thuirt e mu dheireadh, “chan eil sin furasta. . . ’s e coigreach a tha annad . . . agus feumaidh sinn, ’eil fhios agad . . . na th’ againn de thalamh airson nan caorach . . . feumaidh caoraich feur . . . chan aontaich a’ chomataidh. . ."
  20. “Chan eil làithean nan uachdaran seachad idir," ars’ Iain ’s e ag èirigh ’s a’ dèanamh air an doras. “Tapadh leat airson na suipeir."
  21. An ath latha bha e air a’ phlèan dhachaigh a Chanada.

Le Dòmhnall Iain Maclomhair (atharraichte)

Air Ais

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.