Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Dachaigh > Gàidhlig > Èisteachd > Èist ris an earrainn

Gàidhlig

Èist ris an earrainn

Èist ris an earrainn agus coimhead air na ceistean air na duilleagan a leanas.

Èist ris an earrainn

Èist ris an earrainn èisteachd air fad.

Airson an stuth seo fhaicinn, feumar an dà chuid Javascript agus Flash a chuir a dhol.

Leugh an Earrann

Paragraf 1

Ceist

1. (a) Tha a' chiad sheantans ag innse dhuinn dè tha am facal Iapanais 'karoshi' a' ciallachadh. Dè tha e a' ciallachadh? (2)

  • Tha a’ cheist seo ag innse gum faigh sinn fiosrachadh anns a’ chiad sheantans. Chan fheum sinn coimhead ann an àite sam bith eile.
  • Tha dà chomharra air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a’ ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh dà phìos fiosrachaidh. (Tha na deuchainnean a’ gluasad air falbh bho a bhith a’ toirt seachad leth-chomharran.)
Freagairt

Tha karoshi a' ciallachadh:

  • a' faighinn bàs (1)
  • tro a bhith ag obair ro chruaidh (1)

Paragraf 1

Ceist

1. (b) Càit am bi dotairean Iapanach a' sgrìobhadh an fhacail karoshi? (2)

  • Faodaidh sinn a bhith cinnteach gum faigh sinn fiosrachadh airson Ceist 1(b) anns an aon pharagraf ri Ceist 1(a).
  • Tha dà chomharra air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh dà phìos fiosrachaidh.
  • Chì sinn bhon chiad pharagraf agus an dàrna seantans gum bheil fiosrachadh ann mu dhotairean a' sgrìobhadh rudeigin.
  • Mur eil sinn buileach cinnteach dè tha teisteanasan bàis a' ciallachadh, faodaidh sinn beagan smaoineachaidh a dhèanamh airson am freagairt obrachadh a-mach
    • Tha an co-theacs anns a' chiad sheantans a' bruidhinn mu dhaoine a tha a' bàsachadh
    • Tha an dàrna seantans a' bruidhinn mu bhàs anns an abairt teisteanasan bàis
    • Mur eil fios againn dè tha ann an teisteanasan, faodaidh sinn smaoineachadh air dè bhios dotairean a' sgrìobhadh a-mach an uair a bhàsaicheas neach.
Freagairt
  • Air teisteanasan (1)
  • bàis (1)
  • no air pìos pàipeir oifigeil (1) a tha a' dearbhadh gun do bhàsaich neach (1)

Paragraf 2

Ceist

2. Dè tha an neach-labhairt a' dol a choimhead air an toiseach, mus coimhead e air dè a tha ann a bhith ag obair ro chruaidh? (3)

  • Tha trì comharran air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh trì pìosan fiosrachaidh agus/no freagairt a tha mionaideach.
  • Tha sinn a' faighinn beagan cuideachaidh bhon cheist fhèin. Tha a' cheist ag innse gum bheil an neach-labhairt a' dol a choimhead air cuspair eile mus tòisich e a' coimhead air dè a tha ann a bhith ag obair ro chruaidh.
  • Feumaidh sinn èisteachd airson fiosrachadh a tha ag innse dhuinn mu chuspair eile.
Freagairt
  • Ciamar a thachair e (1)
  • gun do ràinig Iapan an suidheachadh (1)
  • far an robh daoine ag obair ro chruaidh (1)

Paragraf 3

Ceist

3.(a) Carson a dh'fheumadh muinntir Iapan an dùthaich aca a leasachadh? (2)

  • Tha dà chomharra air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh dà phìos fiosrachaidh agus/no freagairt a tha mionaideach.
  • Tha an earrann ag innse dà rud a dh'adhbharaich milleadh do Iapan.
Freagairt
  • Cha do bhuannaich iad anns an Dàrna Cogadh (1)
  • Rinn na Stàitean Aonaichte milleadh mòr air Iapan fhèin (1)

Paragraf 3

Ceist

3.(b) Ciamar a tha fios againn gun deach gu math le Iapan anns an leasachadh aca? (4)

  • Tha ceithir comharran air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh ceithir pìosan fiosrachaidh agus/no freagairt a tha mionaideach.
  • Tha an earrann ag innse ann an aon seantans ceithir pìosan fiosrachaidh a bheir freagairt na ceiste dhuinn.
Freagairt
  • Fhuair iad deagh ainm (1)
  • mar aon de na dùthchannan (1)
  • as beartaiche san t-saoghal (1)
  • a thaobh an eaconamaidh aca (1)

Paragraf 4

Ceist

(4) Dè tha follaiseach dhan mhòr-chuid? (4)

  • Tha ceithir comharran air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh ceithir pìosan fiosrachaidh agus/no freagairt a tha mionaideach.
  • Tha aon seantans anns a' pharagraf seo a' tòiseachadh le 'tha e follaiseach dhan mhòr-chuid,' agus tha seo ag innse gum bu chòir dhuinn ar n-aire a chumail air na faclan a leanas sin airson freagairt fhaighinn dhan cheist.
Freagairt
  • Chan urrainn do dhuine a bhith ag obair dusan uair a thìde san latha (1)
  • airson sia no seachd làithean gach seachdain (1)
  • bliadhna an dèidh bliadhna (1)
  • gun iad a' fàs tinn le tinneas air choreigin (1)

Paragraf 5

Ceist

5. Dè bha daoine ann an Iapan a' tòiseachadh a thuigsinn anns na bliadhnaichean eadar 1987 agus 1990? (2)

  • Tha dà chomharra air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh dà phìos fiosrachaidh.
  • Tha aon seantans anns a' pharagraf seo a' tòiseachadh le 'Anns na bliadhnaichean eadar 1987 agus 1990 thuig daoine...' agus bu chòir dhuinn ar n-aire a chumail air na faclan a leanas sin airson freagairt fhaighinn dhan cheist.
Freagairt
  • Bha ceannardan gnìomhachais a' bàsachadh gu h-obann/gu h-aithghearr (1)
  • gun iad a bhith tinn ro làimh (1)

Paragraf 6

Ceist

6. Dè tha an Dr Kasliwai, stiùiriche Ionad Cridhe anns na h-Innseachan, air a bhith a' dèanamh? (2)

  • Tha dà chomharra air an toirt seachad airson na ceiste seo agus tha sin a' ciallachadh gur dòcha gum bheilear ag iarraidh dà phìos fiosrachaidh.
  • Airson a' cheist seo a fhreagairt, feumaidh sinn beagan fiosrachaidh a thogail mus cluinn sinn an t-ainm aig an Dr Kasliwai agus cuideachd fiosrachadh a thogail an dèidh an ainm aige a chluinntinn.
Freagairt
  • Tha e air a bhith an sàs ann an rannsachaidhean (1)
  • a tha ag innse mu na cunnartan a tha a' tighinn bho a bhith ag obair ro chruaidh (1) no gu bheil e cunnartach a bhith ag obair ro chruaidh (1)

Paragraf 7

Ceist

7.(a) Ainmich trì rudan nach bi daoine a tha ag obair ro chruaidh a' faighinn gu leòr dhiubh? (3)

  • Tha againn ri trì rudan ainmeachadh agus le sin bidh aon chomharra ann airson gach rud.
  • Tha aon seantans a' tòiseachadh le 'Tha daoine a bhios ag obair ro chruaidh a' faighinn glè bheag tide dhaibh fhèin.' Is e seo aon phuing agus is cinnteach gum bi an dà rud eile faisg air làimh.
Freagairt
  • glè bheag tide dhaibh fhèin (1)
  • cha bhi iad ag ithe gu fallain (1)
  • agus cha bhi iad a' dèanamh mòran eacarsaich nas mò (1)
  • gheibh biadh fallain (1) agus eacarsaich (1) comharra an urra

Paragraf 7

Ceist

7.(b) Dè tha tachairt do bharrachd dhaoine a tha anns na tritheadan agus na ceathradan anns na h-Innseachan? (2)

  • Tha dà chomharra airson na ceiste seo agus is cinnteach gum bi againn ri dà phìos fiosrachaidh a lorg.
  • Tha sinn a' faighinn an fhiosrachaidh a tha sinn a' lorg an dèidh nam facal 'barrachd dhaoine anns na tritheadan agus na ceathradan.'
Freagairt
  • bidh iad a' bàsachadh (1)
  • le grèim cridhe (1)

Paragraf 8

Ceist

8.(a) Dè an seanfhacal a tha air ainmeachadh? (2)

  • Tha air iarraidh oirnn seanfhacal a lorg airson dà chomharra.
  • Gheibh sinn ar fiosrachadh an dèidh nam facal 'Ged a bhios sinn a' cleachdadh an t-seanfhacail Bheurla...'
Freagairt
  • Cha do mharbh obair chruaidh (1) duine riamh (1)

Paragraf 8

Ceist

8.(b) Dè nach robh an seanfhacal a' ciallachadh ann am beachd an neach-labhairt? (3)

  • Tha trì comharran ann agus feumaidh sin trì pìosan fiosrachaidh a lorg agus/no freagairt mionaideach a thoirt seachad.
  • Chan eil sinn a' dol a dh'fhaighinn chomharran airson a bhith ag innse dè tha an seanfhacal a' ciallachadh. Chan e sin a' cheist.
  • Feumaidh sinn coimhead airson fiosrachadh a tha ag innse dhuinn dè nach eil an seanfhacal a' ciallachadh. Gheibh sinn sin an dèidh nam facal 'chan e daoine a bhiodh ag obair...'
Freagairt
  • daoine a bhiodh ag obair (1) aig peilear am beatha/ a bhiodh ag obair gu luath gun sgur(1)
  • fad na bliadhna (1)

Èist

icon

BBC Radio nan Gaidheal

Iomadh guth airson iomadh Gàidheal. Bho deasbad le Coinneach gu ceòl ùr le Rapal, gheibh a h-uile duine cothrom Gàidhlig a chluinntinn ann an dòigh a chòrdas riutha.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.