Bitesize has changed! We're updating subjects as fast as we can. Visit our new site to find Bitesize guides and clips - and tell us what you think!

Home > Gaelic > Literature > Short story

Gaelic

Short story

Back

Short story

In the following Bite you will study a short story by Iain Crichton Smith called 'Ann am Bosnia'. When you have finished studying it, you will have the opportunity to answer a literature question on it.

Ann am Bosnia

'S e snaidhpear a bh' ann, ann am Bosnia. Cha leig sinn a leas ainm a chur air. Oir bha e ga fhalach fhèin co-dhiù. Bhiodh e na shuidhe ann an craoibh agus bhiodh e a' cuimseachadh a ghunna air drochaid a bha fodha, ach pìos math air falbh. Na faiceadh e saighdear bhon armailt eile bhiodh e feuchainn ri mharbhadh. Chaidh a theaghlach fhèin a mharbhadh, a mhac a bha dà bhliadhna dheug, 's a bhean. Bhiodh droch nàdar ga lìonadh fad na tìde.

Bha àm ann a bhiodh daoine is boireannaich a' danns air an drochaid ud ann an Sarajevo. Bhiodh fear a' cluiche accordion agus bhiodh an danns a' dol air adhart air an oidhche 's a' ghealach anns an adhar, gealach ìosal dhearg. Air oidhcheannan foghair bhiodh e fhèin 's a bhean a' danns air an drochaid ud nuair a bha iad òg. Ach a-nis bha fòirneart air feadh na dùthcha.

Bha e faireachdainn uabhasach aonaranach a-nis. Leis an fhìrinn innse cha robh caraidean aige. Cha robh miann còmhraidh idir air. Bhiodh e na shuidhe anns a' chraoibh a' bruadarachadh air a mhnaoi 's air a mhac. Mar a bhiodh e toirt a mhic a chluich air ball-coise. 'S mar a bhiodh a bhean a' gàirnealaireachd.

Anns na làithean sin cha b' e saighdear a bh' ann idir. 'S e fear a bh' ann a bhiodh a' peantadh thaighean. Bhiodh a mhac uaireannan a' tighinn còmhla ris. Cha robh e ach dà bhliadhna dheug nuair a chaidh a mharbhadh. Dhùin e a shùilean leis a' phian.

Bha duilleagan nan craobh ùr is uaine. Air an adhbhar sin chan fhaiceadh duine e. Uaireannan bhiodh e a' sealltainn suas don adhar far am faiceadh e an-dràsta 's a-rithist plèanaichean NATO. Abair thusa gu robh iad a' dol luath 's a' fàgail sreath gheal às an dèidh. Bha na duilleagan cùbhraidh is ùr mun cuairt air.

Chunnaic e balach le peile a' dol tarsainn air an drochaid. Thog e an gunna gu a ghualainn ach mus d' fhuair e air cuimseachadh air bha am balach air a dhol seachad. Bhiodh am balach mu aois a mhic fhèin. Thàinig an droch nàdar air ais a-rithist. Bha am balach seo beò 's bha a mhac fhèin marbh. Cha robh sin ceart. Bha am balach a' dol air tòir uisge anns an tobair le peile buidhe. Bha geansaidh dearg air. Chunnaic e e cho soilleir ri càil. Cha b' urrainn dha crùbadh nuair a thilleadh e oir bhiodh am peile làn bùirn. Ach an toiseach bha e na chrùban. Cha bhiodh e na chrùban nuair a thilleadh e.

Bha na duilleagan ùr. 'S e an t-earrach a bh' ann. Bha an saoghal ga ùrachadh fhèin. Ach, air an latha earraich ud, bha e a' cluinntinn nan gunnachan. Cha robh aon duine anns an armailt a bha cho cinnteach ris le gunna, le raidhfil. Ge bith de cho fada air falbh 's a bha an targaid. Nuair a bha e na pheantair cha robh fhios aige gu robh an tàlant ud aige. 'S ann a bha e ga shamhlachadh fhèin ri clamhan ann an craoibh. Clamhan searbh, cinnteach.

Chunnaic e a mhac aig àm Nollaige. Bha e a' tighinn sìos an staidhre 's a shùilean a' leudachadh nuair a chunnaic e na prèasantan. Bha e casruisgte. Cha robh càil air an t-saoghal coltach ri àgh ann an aodann leanaibh. Ach a-nis bha e marbh agus thàinig an droch nàdar air ais a-rithist.

Agus anns a' mhionaid thàinig am balach air ais. Bha e tòrr na bu shlaodaiche a-nis oir bha am peile aige na làimh. 'S math dh'fhaodte gu robh iad den bheachd nach toireadh an snaidhpear ionnsaigh air balach dà bhliadhna dheug. Chunnaic e a-rithist an geansaidh dearg 's am peile buidhe. Bha iad dìreach mar rudan a chitheadh tu ann an dealbh.

"Carson a chuir iad a-mach thu?" dh'èigh e na inntinn ris a' bhalach. "Cha robh gnothach aca do chur a-mach agus fhios aca gu robh mis' an seo is gu robh mi nam aonar mar a bhios mi a chaoidh tuilleadh."

Bha gach nì a' tachairt cho slaodach mar gum biodh an saoghal air stad. Bha fhios aige nam marbhadh e am balach gum biodh e air atharrachadh mòr a dhèanamh. Cha deidheadh e air ais a chaoidh gu bhith na pheantair thaighean mar a bha e uair.

Ach aig a' cheart àm bha e a' faireachdainn cho droch-nàdarrach. Bha an saoghal mar gum b' eadh [biodh] dearg air a bheulaibh, cho dearg ris a' gheansaidh a bha am balach a' caitheamh.

Bha tìm a' leantainn 's a' leudachadh. A-nis bha e a' dol a bhruthadh an trigeir. Cha leigeadh e leas ach suathadh ann. Bha am balach air am peile a chur sìos. "Tha mi dol ga mharbhadh," ars esan ris fhèin. "Anns a' mhionaid seo." Agus thug e sùil air uaireadair. Bha e beagan an dèidh aon uair deug. Agus anns a' mhionaid thionndaidh am balach ris 's e a' fosgladh a ghàirdeanan. 'S dè bh' air ach aodann a mhic fhèin.

Is e a' caitheamh na h-anaraig uaine a chleachd a bhith air. 'S e a mhac fhèin a bh' ann, a' tionndadh ris 's bha fhios aige nam marbhadh e am balach seo gu marbhadh e a mhac fhèin a-rithist. Bha sin cho soilleir dha. Bha fallas a' sruthadh sìos aodainn fhèin 's air cùl amhaich. Bha an gunna air chrith na làmhan. 'S drochaid Sarajevo fodha. Agus a mhac fhèin a' coiseachd air 's a' coimhead ris. 'S am peile bùirn na shuidhe ri thaobh.

"Mo mhac, mo mhac," dh'èigh e. Ach cha robh duine a-nis ri fhaicinn. Bha an drochaid falamh. Bha chorp gu lèir a' sruthadh le fallas, 's bha deòir na shùilean. Thàinig isean is shuidh e anns a' chraoibh anns an robh e. Isean beag donn. Agus cnuimh na bheul. Agus chuala e plèana a' dol seachad os a chionn.

Bha an t-isean a' gluasad an siud 's an seo, cho an-fhoiseil. Ach bha an t-earrach ann. Bhiodh iad a' togail neadan.

Thàinig e sìos às a' chraoibh. Fodha air an talamh chunnaic e sneadhain nan deann ruith an siud 's an seo. O, nach iad a bha luath.

A' ruith an siud 's an seo. Cha robh e airson seasamh orra.

Thionndaidh e ar falbh bhon chraoibh. Bha e a' dol a leigeil seachad dreuchd snaidhpeir. Bha e a' faireachdainn an droch nàdar ga fhàgail. Bha e faireachdainn falamh. Na inntinn bha e a' coimhead a mhic a' fosgladh a ghàirdeanan.

Shad e air falbh an gunna 's thòisich e ri coiseachd. Cha mharbhadh e duine tuilleadh. Ge bith dè dhèanadh iad air, cha mharbhadh e duine tuilleadh.

'S bha e faireachdainn cho aotrom, cho aotrom ri na duilleagan uaine, cho aotrom ris an eun a bha na shuidhe air gèig. Cho aotrom ris a' ghaoith. Cho aotrom ris an earrach. Mar gum biodh e a' dol a thòiseachadh às ùr, às aonais a' ghunna. A' dol a thòiseachadh às ùr air latha earraich. Ann am Bosnia.

Back

BBC © 2014 The BBC is not responsible for the content of external sites. Read more.

This page is best viewed in an up-to-date web browser with style sheets (CSS) enabled. While you will be able to view the content of this page in your current browser, you will not be able to get the full visual experience. Please consider upgrading your browser software or enabling style sheets (CSS) if you are able to do so.