A' Chreach

‘S e call na h-Iolaire aon de na sgeulachdan as cianail ann an eachdraidh a' Chogaidh Mhòir agus sgeulachd air nach d'fhuaireadh fuasgladh fhathast.

A rèir coltais seo mar a thachair. Aig 0100 chaidh an Caiptean agus am fear-faire a bha air an Iolaire gu h-ìosal, a' fàgail Leifteanant Cotter air an drochaid. Chan eil fhios an robh esan mì-chinnteach mu na solais a bhiodh a' stiùireadh bhàtaichean gu cidhe Steòrnabhaigh, no an robh dìth eòlais aige mu bhith toirt bàta gu caladh.

Mu 12 mìle a-mach à Steòrnabhagh dh'atharraich an aimsir. Chaidh a' ghaoth gu gèile agus chuir e iongnadh air criutha a' bhàta-iasgaich, an Spider, a bh' air cùlaibh an Iolaire agus air an t-slighe gu cidhe Steòrnabhaigh cuideachd, nuair nach do dh'atharraich an Iolaire a cùrsa.

Dealbh den Iolaire

A' seòladh gu Steòrnabhagh

Tha an t-slighe a-steach gu cidhe Steòrnabhaigh air a chomharrachadh le dà sholas – Solas Àirinis agus Solas-rabhaidh Àirinis. Bha cuid de na seòladairean a bh' air bòrd an Iolaire iomagaineach mar a b' fhaisg a bha i a' tighinn air caladh. Bha iad mothachail gun robhar a' seòladh ro fhaisg air an oirthir, ‘s nach robhar a' leantainn a' chùrsa àbhaisteach – bha i ro fhada chun ear.

Bha na fir ceart. Cha robh 1919 fhathast dà uair a thìde a dh'aois nuair a bhuail an Iolaire air Biastan Thuilm – sgeirean cunnartach a th' air an t-slighe a-steach gu caladh Steòrnabhaigh. Tha solas beag air na sgeirean gus rabhadh a thoirt do mharaichean mun chunnart a tha romhpa. Ach nuair a dh'fhàillig air an Iolaire tionndadh, cha robh feum sam bith san t-solas agus cha robh dòigh aice air stad.

Bha an oidhche dubh dorch, bha an t-uisg' ann, bha a' ghaoth làidir agus bha fìor dhroch mhuir ann. Nuair a bhuail i na Biastan san dorchadas, agus san troimhe-chèile, bha aig gach fear a bh' air bòrd ri feuchainn ri e-fhèin a shàbhaladh. Bha mòran de na bh' air bòrd nan cadal nuair a bhuail i na Biastan.

"Bha dùil againn an toiseach gur e ‘mine' a bhuail i, ach dh'aithnich sinn mar a thuit i air a cliathaich, mar gum biodh i air mol tioram, dh'aithnich sinn gur e bualadh ann an sgeir a rinn i." Neil MacCoinnich, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan Gàidheal 1961

Fir a' leum dhan chuan

Fir a' leum far na h-Iolaire

Cha robh beachd aig mòran air bòrd càite an robh iad, ged nach robh iad ach 20 troigh bho thìr. Eadar an Iolaire agus tìr bha a' mhuir air bhoil.

Leum mu 50 duine dhan uisge gus feuchainn ri snàmh gu tìr, ach chaidh am bàthadh san uisge reòthte. Chaidh na bàtaichean-teasairginn a chur air bhog, ach bha am muir cho fiadhaich ‘s gun deach aon tè a mhilleadh ri cliathaich an Iolaire (ged a fhuair cuid a bh' oirre air ais air bòrd), agus chaidh an tè eile fodha ‘s cus dhaoine a' feuchainn innte.


"Bha an tè a bh' air taobh an toisich na bu mhotha nan tè a bh' air taobh an deiridh agus bha na daoine a' leum innte... Bha grèim agam air an stay agus rinn mi-fhìn airson leum innte ach mar a bha mi faicinn na cùise, bha na daoine a' leum agus cha robh mothachadh aca dè bha dol a thachairt - gu faodadh i dhol thairis na even a dhol fodha.

Uill, gu fàbharach, thuirt mi rium fhìn, uill, ‘s fheàrr dhomh fuireach far a bheil mi na dhol dhan t-soitheach sin.... thàinig dà thonn mhòr... ‘s an uair a bhuail e ‘m bàta sin a bh' air toiseach, chuir i car agus chan eil mi a' smaoineachadh gun tàinig sgamhan beò as a' bhàta bh' ann an sin, bàta bhon taobh toiseach aice.

A-rithist an tè a bh' air an deireadh chaidh a briseadh, thàinig toll oirre. Agus an fheadhainn a bha san tè sin, fhuair a' chuid mhòr aca air ais a-rithist air bòrd." Iain MacIlleathain, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan Gàidheal 1961

Cha robh e comasach cuideachadh fhaighinn bho thaobh na mara air sgàth ‘s cho fiadhaich ‘s a bha e, chan fhaigheadh bàtaichean eile faisg. Cha b'urrainn dhan philot boat, The Budding Rose, a bha feitheamh ris an Iolaire a stiùireadh a-steach gun cidhe, càil a dhèanamh ach feitheamh.

Cha tàinig dhith beò ach 82 às an 283 a bh' air bòrd.

"Not a few of them had suffered shipwreck time and time again during the war, but they always escaped. And now with all these perils past, and the peace and comfort and liberty so well earned in prospect, they come home only to be cruelly done to death within 20 yards of shore and the very entrance to SY Harbour." Stornoway Gazette

Leum Iain Fionnlagh Macleòid (Iain Mhurdo), aois 31, à Port Nis bhon Iolaire le loidhne ceangailte ri a làimh chlì. Air a' chiad oidhirp chaidh a tharraing air ais leis an onfhadh, ach an dèidh feitheamh ri stuagh mhòr airson a ghiùlain, fhuair e air tìr. Fhuair ceathrar no còignear eile air tìr air an loidhne-sa, mus deach a ceangal ris an ròpa. Thug an ròpa an uairsin cothrom do chòrr is deich thar fhichead duine eile faighinn air tìr.

Crann an Iolaire

Crann na h-Iolaire

Chaidh urram a thoirt do Mhacleòid ann an 1921 nuair a fhuair e an "Carnegie Hero Fund Medal and Certificate "in recognition of heroic endeavour to save human life".

Bha fir a' sreap suas air na crainn cuideachd. Chaidh dithis a chaidh suas air a' chrann-toisich a bhàthadh nuair a bhris an crann. Dhìrich Dòmhnall Moireasdan (Am Patch), aois 20, às a' Chnoc Àrd ann an Nis suas air am "mizzen", ‘s thug e fad oidhche an sin an dèidh dhan Iolaire a dhol fodha.



"Fhuair mise grèim air ròpan a' chrainn aice an uairsin ‘s tharraing mi mi-fhìn an aìrde. Chaidh mi suas ann, pìos math, ‘s thàinig balach eile nuas as mo dhèidh. Bha mise air a thaobh shuas nuair... ‘s a chiad dhroch mhuir a thàinig, dh'fhalbh e leis a' bhalach. Mus d'fhuair mi air dùrd a ràdh ris, dh'fhalbh e leis. Chan eil càil a dh'fhios agam cò a bh' ann." Dòmhnall Moireasdan, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan Gàidheal 1961

Chaidh Dòmhnall Moireasdan a shàbhaladh anns a' mhadainn an dèidh 8 uairean a thìde. B' e an aon duine beò a thàinig air tìr aig cidhe Steòrnabhaigh.

Chaidh a bhràthair Iain, aois 32, a bhàthadh am measg nan 201 a chaidh a chall.

Fhuair 82 dhith beò, ach fad iomadach bliadhna cha b' urrainn dhaibh bruidhinn mu na thachair dhaibh. Bha mòran dhiubh a' faireachdainn ciontach, mar gum biodh, gun d'fhuair iadsan dhachaigh sàbhailte. A' bruidhinn ann an 1988 – cha mhòr 70 bliadhna an dèidh làimh – thuirt Dòmhnall Moireasdan, Am Patch, à Nis, "Chan urrainn dhomh a dhìochuimhneachadh. Tha mi a' smaoineachadh air a h-uile là dhen t-seachdain."

Bha a' chreach air buaidh a thoirt air a h-uile fear a fhuair aiste beò:

"Cha robh annam-sa ach gille òg aig an àm. Bha mi seachd bliadhna deug san Àrd-sgoil an Steòrnabhagh agus tha cuimhne mhath agam air latha na Bliadhn' Ùire... Fear a bha san ath thaigh, an ath dhoras dhomh aig an dachaigh, thàinig e a-nall tarsainn na mòintich tha mi a' smaoineachadh. Cionnas a fhuair e air tìr chan aithne dhomh, ach bha e mar duine às a rian ‘s bha an fheadhainn a chaill an cuid anns a' bhaile, na màthraichean ‘s na mnathan, bha iad a' tighinn a-staigh a dh'fhaighneachd am faca e sealladh air Dòmhnall no air Aonghas no air Iain. Cha robh e ach gan coimhead agus na deòir a' tighinn a-nuas air na gruaidhean aige. ‘S bha dà fhacal aige, tha cuimhn' agam air an sin, ‘s bha e gan cantainn tric – Good God – Good God – mar gum biodh e air grèim fhaighinn air na faclan sin air bòrd ‘s lean iad ris an inntinn aige ‘s cha robh facal aige ach sin fhèin." Dòmhnall MacPhàil, bhon phrògram An Iolaire, BBC Radio nan Gàidheal 1961

Baile Steòrnabhagh

Baile Steòrnabhaigh

Seòladairean air bòrd an Iolaire

Seòladairean air bòrd na h-Iolaire

Biastan Thuilm

Biastan Thuilm

A' tighinn air tìr le ropa

A' tighinn air tìr leis an ròpa

Teisteanas Carnegie

Teisteanas Carnegie

Skip to top

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.