A' Bhuaidh

Chan eil gin de na fir a shàbhail bhon Iolaire beò, ‘s mar a tha na bliadhnaichean a' dol seachad tha an àireamh de luchd-fianais aig a bheil cuimhne air a' chreach a' lughdachadh gu mòr.

Ri linn sin, bidh a' chreach dha-rìribh na pàirt de dh'eachdraidh Leòdhais ‘s na Hearadh.

Tha ceistean fhathast rim freagairt. Dè a chaidh ceàrr? Tha fios nach do lean i a' chùrsa àbhaisteach gu cidhe Steòrnabhaigh, ach carson?

Pàrantan Mhòr NicLeòid à Brù

Pàrantan Mhòr NicLeòid à Brù

Cha b' i seo a' chiad shoitheach leis an ainm Iolaire a bh' ann an Steòrnabhagh rè bliadhnaichean a' chogaidh. Anns an Dàmhair, 1918, ghabh an Amalthaea àite a' chiad Iolaire, gheat a bha tòrr na bu mhotha. "One speculates whether those at the Admiralty who decanted nearly 500 sailors from the special trains at Kyle of Lochalsh of New Year's Eve, 1918, thought that the larger vessel was still based in Stornoway?" The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988

An dèidh dhan Iolaire a dhol fodha, mhol an Admiralty gun deigheadh Naval Court of Inquiry a chumail. Chaidh an rannsachadh seo a chumail air 8mh Faoilleach 1919, ach bha na pàipearan mu thimcheall na cùise glaiste bho dhaoine airson faisg air 50 bliadhna a rèir an lagha.

Nuair a chaidh am foillseachadh, cha robh freagairtean iongantach sam bith annta:

"There is no evidence to explain how the accident occurred as none of the officers on boards, or the helmsman or the lookouts who were on deck at the time, are among the survivors. No opinion can be given as to whether blame is attributable to anyone in the matter." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988

Bha muinntir nan eilean searbh nuair a chualas gu robhas an dùil an long-bhriste a reic dìreach 15 là an dèidh na creiche. Aig an àm sin, bha 88 duine nach robh air a lorg fhathast. Bha cion-faireachdainn mar seo a' toirt orra a bhith a' smaoineachadh nach robh diù sam bith aig na h-ùghdarrasan do na fir a bh' air a bhith a' cogadh às leth na rìoghachd.

Dh'òrdaich Comhairle Bhaile Steòrnabhaigh gun deigheadh rannsachadh poblach a chumail cuideachd, ‘s ghabh sin àite air 10mh Gearran 1919.

Ged a bha e soilleir nach robh e comasach cuideachadh a thoirt dhan Iolaire bho thaobh na mara, thàinig e am follais san rannsachadh-poblach nach gabhadh a' mhòrchuid de chriutha a' bhàta-teasairginn a dhùsgadh. Cuideachd, cha robh each ri fhaotainn gus an uidheamachd teasairginn a shlaodadh, ‘s mar sin b' fheudar 19 duine a ghiùlain a dh'ionnsaigh Biastan Thuilm.

Chaidh mòran de ne h-aon dhaoine a ghairm gus fianais a thoirt seachad anns na rannsachaidhean, ‘s a rèir coltais, b' e Caiptean Camshron, sgiobair an Sheila, aon den luchd-fianais ùr a chaidh a cheasnachadh. Dh'inns esan:

"I saw the Iolaire leave in the evening in good order, In my opinion she was handled in a thoroughly seamanlike fashion. All the officers and men of the Iolaire whom I saw were perfectly sober." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988

Bha fathannan air a bhith a' dol timcheall gu robh buaidh aig deoch làidir air na thachair, ach chaidh an luchd-fianais air fad às àicheadh seo. Bha na seòladairean air a bhith fo riaghailtean teann na nèibhidh bhon uair a dh'fhàg iad ceann a deas Shasainn gus an deach iad air bòrd na h-Iolaire.

Cho-dhùin diùraidh an rannsachaidh phoblaich nach robh na h-oifigearan air bòrd an Iolaire air a bhith faiceallach gu leòr; gu robh cus astair aice san droch thìde, agus nach robh neach-faire freagarrach air a bhith air an drochaid aig an àm a bhuail i air na Biastan.

Thug iad comhairle gum bu chòir solas ùr a chur air taobh Thuilm de chidhe Steòrnabhaigh. Mhol iad cuideachd gum bu chòir do dh' uidheamachd sàbhalaidh sam bith a bhith furasta a ghiùlain aig àm sam bith, agus gum bu chòir don Riaghaltas goireasan siubhail iomchaidh a chur air dòigh do luchd-seirbheis san àm ri teachd.

Clach-chinn

Clach-chinn

An robh Commandair Mason air a bhith neo-chùramach a' leigeil uimhir de dh'fhir air an Iolaire ‘s gun uidheamachd sàbhalaidh gu leòr air bòrd? No an robh esan a' leantainn òrduighean bho cheannardan? No an robh e airson na fir a chuideachadh gus faighinn dhachaigh gu an teaghlaichean?

Cha bhi freagairt air na ceistean sin a-chaoidh, ach tha fios le cinnt gun deach cus dhaoine a chur air bòrd anns a' chiad dol a-mach. Thuirt Siorraidh Mac an Tòisich, ‘s e a' toirt geàrr-chunntas air na thachair aig an rannsachadh phoblach: "This dreadful event in the history of the Isle of Lewis will remain forever an enigma of the sea." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988

Cha b' ann tro fhacail choibhneil a-mhàin a-nochd co-fhaireachdainn dhaoine, oir chaidh maoin a stèidheachadh gus airgead a chruinneachadh do theaghlaichean a chaidh fhàgail gun neach-cosnaidh.

"This will be no compensation whatever for the loss of loved ones, but it will at least show that the sympathy is more tangible than a merely conventional sentiment." The Iolaire le Tormod Calum Dòmhnallach, Stornoway Gazette, 31st December 1988

Thug dol fodha na h-Iolaire buaidh air beatha gach fear a fhuair dhith sàbhailte. Cha robh fear seach fir dhiubh airson bruidhinn mu na thachair oir bha na cuimhneachain cho goirt. Ged nach robh e reusanta, bhathas a' faireachdainn ciontach gun d'fhuair iadsan dhachaigh slàn.

Ged a bha Iain Fionnlagh MacLeòid, ‘an Mhurdo, na ghaisgeach don fheadhainn a chaidh air an ròpa, cha chuala a mhac Iain Murchadh athair a' bruidhinn air an oidhch' ud gus an do thòisich an dàrna cogadh.

Cha do thill ‘an Mhurdo gu Biastan Thuilm airson 46 bliadhna. Aig aois 77, còmhla ri Iain Murchadh agus Iain Moireach, a' chiad fhear a chaidh a shàbhaladh air an ròpa, thill e thuca. B' ann an sin a bhruidhinn e air a' chreach airson an dàrna turas. ‘S ann mun àm sin a sgrìobh Iain Murchadh cunntas de na briathran aige ann an leabhar-là.

Mu 40 bliadhna an dèidh dhan Iolaire a dhol air na Biastan, chlàr Fred MacAmhlaigh dhan BhBC sreath de dh' agallamhan Gàidhlig a tha fhathast nam prìomh fhianaisean air na thachair dhan Iolaire. Bha esan làidir dhen bheachd gu robh an t-àm ann an sgeulachd innse leothasan a shàbhail aiste, ‘s gum biodh an cunntasan maireannach.

Ged a bha ‘an Mhurdo iomagaineach mu bhith a' dùsgadh seann smuaintean agus faireachdainnean, thug Fred an sgeulachd iongantach aige-san, am measg iomadach duine eile, am follais.

Bha cuimhne shònraichte aig Fred air an agallamh a chlàir e le Dòmhnall "Am Patch" Moireasdan, à Nis.

"He had not been very well when I visited him and he sat by the fire with his coat on. As he spoke, the knuckles were absolutely white. There was a very bead of sweat on his forehead. The man was living the whole thing, as on the day it happened." The Loss of the Iolaire: A Very Private Tragedy le Brain Wilson, West Highland Free Press, 30th December 1993

Tha carragh-cuimhne do na fir a chaochail air an Iolaire ri fhaicinn an cois a' chladaich ann an Tolm, os cionn na mara far an deach am bàta fodha. Tha na briathran a leanas air a' charragh-cuimhne:

ERECTED BY
THE PEOPLE OF LEWIS AND FRIENDS
IN GRATEFUL MEMORY OF THE
BRAVE MEN OF THE ROYAL NAVY
WHO LOST THEIR LIVES
IN THE "IOLAIRE" DISASTER AT THE
BEASTS OF HOLM
ON THE 1st OF JANUARY 1919
OF THE 205 PERSONS LOST,
175 WERE NATIVES OF THE ISLAND
AND FOR THEM AND THEIR COMRADES
LEWIS STILL MOURNS.
WITH GRATITUDE FOR THEIR SERVICE
AND IN SORROW FOR THEIR LOSS.

"DO CHEUMA THA SAN DOIMHNEACHD MHÒIR,
DO SHLIGHE THA SA CHUAN.
ACH LUIRG DO CHOS CHAN AITHNICH SINN,
THA SIUD AM FOLACH UAINN"
SAILM LXXVII, 19

Gus an là an-diugh, tha sgoiltean air feadh Leòdhais ‘s na Hearadh fhathast a' dèanamh phròiseactan mun Iolaire, a' toirt cothrom do chlann-sgoile ionnsachadh mun chreach.

Tha samhlaidhean cogaidh, mar an acair, an-diugh ri fhaicinn ann an iomadach cladh air feadh nan eilean. Ann an Nis, chithear an teachdaireachd "Boatbuilders of Ness" air clach-chinn Iain F. MhicLeòid. Mu fhichead meatair air falbh, tha Dòmhnall "Am Patch" Moireasdan na laighe ri taobh a bhràthar Aonghas, a bha a' feitheamh iomadach bliadhna roimhe ‘s an teachdaireachd "Gus an coinnich sinn a-rithist" air a' chlach-cinn.

Carragh-cuimhne na h-Iolaire

Carragh-cuimhne na h-Iolaire

Gasaet Steòrnabhaigh

Gasaet Steòrnabhaigh

Crann na h-Iolaire

Crann na h-Iolaire

Iain Fionnlagh MacLeòid is Dòmhnall Moireasdan

Iain F MacLeòid is Dòmhnall Moireasdan

Carragh-cuimhne na h-Iolaire

Carragh-cuimhne na h-Iolaire

A' Bhuaidh

Nota: 'S dòcha gu bheil thu air JavaScript agus/no CSS a chur dheth. Ged a bhios an susbaint seo ri fhaotainn, bidh cuid de na gnìomhan nach obraich.

Faic agus èist ri cunntasan mun bhuaidh a' bh' aig a chreach.

Skip to top

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.