Ro-Ràdh

Uaireadair le aon de na seòladairean a bh’ air bòrd an Iolaire. Tha cuid den bheachd gun do stad i nuair a bhuail an Iolaire air Biastan Thuilm.

Anmoch air an fheasgar air 31mh Dùbhlachd 1918, dh’fhàg HMY Iolaire Caol Loch Aillse air an t-slighe gu Steòrnabhagh. Bha 283 duine air bòrd. A bharrachd air criutha an t-soithich, b’ e seòladairean agus saighdearan air an t-slighe dhachaigh aig deireadh a’ chiad chogaidh a bh’ air bòrd.

Dìreach ro dà uair sa mhadainn, madainn Là na Bliadhn’ Ùire 1919, mu 50 slat bhon chladach, chaidh an Iolaire às an rathad air Biastan Thuilm, mu mhìle bho chidhe Steòrnabhaigh. Cha dhìochuimhnich muinntir nan eilean a’ chreach a thàinig orra gu sìorraidh.


HMY Iolaire

HMY Iolaire

Faigh tuilleadh fiosrachaidh mu eachdraidh na h-Iolaire.


A' Chreach

Crann na h-Iolaire

B' e call na h-Iolaire aon de na sgeulachdan as cianail ann an eachdraidh nan Eilean Siar.


An Call

Clach-chinn

Cha robh teaghlach an Eilean Leòdhais is Na Hearadh air nach tug call na h-Iolaire buaidh.


Cunntasan

Gasaet Steòrnabhaigh

'S iomadh cunntas a chaidh a dhèanamh mun chreachadh thairis air na bliadhnaichean.


A' Bhuaidh

Carragh-cuimhne na h-Iolaire

Chun an latha an-diugh, chan eil duine cinnteach dè dh’adhbhraich an tubaist.

Skip to top

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.