Tha bàs roghnaichte air a bhith laghail san Òlaind airson deich bliadhna. Tha suas ri dà mhìle a roghnachadh bàs gach bliadhna. Tha grunn dhaoine ann an suidheachadh far a bheil cead aca bàs roghnaichte fhaighinn ach tha na dotairean aca a’ diùltadh a thoirt seachad. Tha ceuman air an gabhail gus na daoine sin a chuideachadh. A’ mhìos seo thòisich sgeama far am bidh ionadan bàs roghnaichte a-muigh sa choimhearsnachd, rud a tha a fàgail na daoine a tha ag iomairt an aghaidh bàs roghnaichte diombach.
Thug referendum air cànan ann an Latvia sa Ghearran seann sgaraidhean air ais am follais eadar Latvianaich agus Ruiseanaich dùthchasach na dùthcha. Chaidh referendum a chumail, agus cuid sa choimhearsnachd Ruiseanach den bheachd gum bu chòir inbhe oifigeil a bhith aig a chànan ann an Latvia, còmhla ris a’ chànan Latvianach. Cha deach an bhòt leotha, ach thug e am bàrr seann faireachdainnean de sgaradh. Chaidh Eòrpa a thoirt sùil air dè dìreach a tha e a’ ciallachadh a bhith nad Latvianach sa latha a th’ann, agus a bheil Ruiseanaich dùthchasach a tha a’ fuireach ann an Latvia a’ fulang air sgàth eachdraidh thoinnte na dùthcha.
BBC © 2012 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.