Tasglann · History Timeline

English / Gàidhlig

Chaidh a' chiad phrògram Gàidhlig a chraobh-sgaoileadh air an radio anns an Dùbhlachd 1923. 'S e seirbheis adhraidh a bha ann. Chaidh an craobh-sgaoileadh am meud gus an robh òrain agus ceòl nan Gaidheal ann cuideachd, agus thòisich naidheachdan anns a' Ghàidhlig ri linn Cogadh Hitler, seirbheis a fhuair fàilte mhòr. Bho là nan radio chriostail dh'fhàs craobh-sgaoileadh Gàidhlig gu mòr air radio. Ann an 1979 chaidh ionad-craolaidh ùr ann an Steòrnabhagh fhosgladh agus o chionn 1996, mar thoradh air leudachadh agus atharrachadh eile a' chraolaidh tha an t-seirbheis Ghàidhlig a-nis ri fhaighinn le 90% dhen t-sluagh ann an Alba.

Tha sinne a' craoladh mu 65 uair a thìde gach seachdain de sheirbheis Radio nan Gaidheal (103.5 -105 FM) - agus còrr math is 100 uair a thìde de thelebhisean Gàidhlig sa bhliadhna air BBC AON is DH. Tha measgachadh seòrsa prògraim air gach seirbheis agus 's e ar n-amas gach meur de ar luchd èisteachd is amhairc a fhrithealadh. Tha an làrach-lìon a' meudachadh ar n-adhartasan craolaidh gu ruige seo.

Gàidhlig

A dh'aindeoin 's cho làidir 's a tha a' Bheurla nar là fhìn, 's i a' Ghàidhlig a' chànan as fhaide beò ann an Alba. Thàinig i gu tìr air teangaidh nan Gaidheal às èirinn ann an Earra-Ghaidheal ("Oirthir nan Gaidheal"), anns an rìoghachd ris an abradh Dal Riada, an rìoghachd às an tàinig na ciad rìghrean a bha aig na h-Albannaich uile gu lèir. 'S e "Gaidheil" an t-ainm air na h-eilthirich seo, agus 's e "Gàidhlig" a bha air an cànain.

Dh'fhàs a' Ghàidhlig gu mòr air feadh Alba, agus bha naoimh, saighdearan agus riaghladairean an sàs ann an saoghal na Gàidhlig. Tha coltas gun robh a' bhuaidh a bu mhò aig a' Ghàidhlig eadar an naoidheamh linn agus an dara linn deug. 'S i a' Ghàidhlig cànain nan rìghrean agus cànain nan cùirtean-lagha.

Anns a' Mheadhan Linn thòisich a' Ghàidhlig air crìonadh agus bha a' Bheurla a' dol am meud. Bha a' Ghàidhlig air a cùmhnadh ann an ceàrnaidhean dùthchail de dh'Alba, mar ann an earrannan de Shiorrachd Inbhir Air gus an 17mh linn, ach aig toiseach an 19mh linn bha i a' sìoladh as fiù ann an taobh an iar Siorrachd Pheairt.

Nuair a dh'fhuadaich uachdarain slòigh mhòra a bhuineadh dhan dùthaich anmoch anns an 19mh linn, chailleadh muinntir na dùthcha aig an robh Gàidhlig. Aig an aon àm, shruth sluagh anns na bailtean gus an robh àireamhan mòra de luchd-bruidhne na Gàidhlig a' fuireach an-siud. 'S ann anns na bailtean a thòisich srì airson cor na Gàidhlig anmoch anns an 19mh linn agus tràth anns an linn againn. Chaidh Roinnean na Ceiltis a stèidheachadh ann an oilthighean agus ghlèidh foillseachadh an dà chuid cànan agus dualchas. Chuir radio agus an uair sin telebhisean taic ri seo cuideachd agus tha sin a' leantainn gu follaiseach an-diugh.

Tha teagasg na h-òigridh bunaiteach ma bhios a' Ghàidhlig beò mòran nas fhaide, agus chan eil teagamh nach cuir foghlam fo aois sgoile agus foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ris an obair seo.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.