Ged a tha brobhsairean eadar-dhealaichte ann, tha iad sa chumantas ag obair san aon dòigh. Bu chòir don stiùireadh a leanas freagairt air a' mhòr-chuid de bhrobhsairean.
- Thèid chun duilleig a tha thu airson a thaghadh mar dhuilleag-dachaigh.
- Fosgail a' phrìomh chlàr "Tools" nad bhrobhsair - 's e "Tools" no "Edit" a bhios air (a rèir do bhrobhsair).
- Tagh an tab "General", "Preferences", "Options" no "Internet Options" (a rèir do bhrobhsair).
- Ma dh'fhaodte gu nochd putan "Use current page" no "Use current". Ma nochdas, cliog air a' phutan is cliog "OK". Bu chòir gun nochd an duilleag a thagh thu mar do dhuilleag-dachaigh.
- Mur nochd, thoir sùil airson "Homepage", "Homepage location" no a leithid, far am bi seòladh-lìn na duilleig-dachaigh a th' agad an-dràsta. Taip http://www.bbc.co.uk/alba, no an seòladh-lìn a b'fheàrr leat, dhan bhogsa agus cliog "OK". Thèid do dhuilleag-dachaigh ùr a dhearbhadh.
Ma tha cuideachadh a dhìth ort le bhith a' cur do dhuilleag dachaigh air dòigh, thoir sùil air a' chlàr Taic.
BBC Vocab
Click on the image to activate BBC Vocab. Hover the mouse over highlighted words for an English translation.
Bliadhna nan Òran
Faigh fiosrachadh mu thaghadh farsaing de dh'òrain Ghàidhlig bho thasglann a' BhBC.
Òigridh / Youth
Aileag
Cluinn mar a chaidh do sgoilearan às an Eilean Sgitheanach air turas a Dhùn Èideann.
