Ùisdean MacRath

Rugadh Ùisdean MacRath ann an Caileabost san Eilean Sgitheanach. Bha a mhàthair à Cill Mo Luthaig agus, mar a dh'innis e-fhèin air prògram Gàidhlig a' BhBC, b' e an obair a bha aig athair a thug an teaghlach a Ghleann Dail, àite a thug buaidh mhaireannach air a' ghille òg:

"Bha m' athair, 's e maor-sìthe a bh' ann, no mar a chanas sinn poileasman, agus cha robh croit againn agus mar sin cha robh mart againn, 's mar sin cha robh bainne againn. 'S mar sin bhithinn-sa a' falbh còmhla ri mo bhràthair, a bha trì bliadhna na bu shine na mise, a dh'iarraidh a' bhainne a h-uile oidhche, a shamhradh 's a gheamhradh.

Agus 's ann as an taigh a bha seo, far am biodh sinn a' faighinn a' bhainne, a bhiodh an cèilidh an Caileabost."

B' e seo taigh Iain Mhòir, agus b' ann bho Mhòr, bean Iain, a dh'ionnsaich Ùisdean mòran de na h-òrain a bha aige:

"Bha Iain aig muir fada, 's e carpenter a bh' ann, agus chaidh e gu muir nuair a bha e glè òg agus bha e an còmhnaidh, nuair a bhiodh balaich a' dèanamh bòst mu na nithean a chunnaic iad, chanadh Iain, "Ah bithibh sàmhach! Bha mise ann an Genòa mus robh mi còig bliadhna deug a dh'aois!"

Agus bhiodh Iain na shuidhe ann a' sonnag a rinn e fhèin, baraille a chaidh a ghearradh sìos, agus bha e gu math cofhurtail. Bhiodh e na shuidhe ann a' sin agus, mar a chanas sinn, ceap seòladair air. Agus bha e ag èisteachd ris na bodaich eile ag innse eachdraidhean agus ag èisteachd ris na h-òrain a bhiodh a' dol.

Agus cha dhìochuimhnich mi gu bràth na h-oidhcheannan a bha sin, agus na h-òrain agus na sgeulachdan."

Fad a bheatha chùm Ùisdean cuimhne air na h-òrain agus na sgeulachdan a chuala e an taigh Iain Mhòir:

'S e mar bu trice òrain a bhiodh duilich agus a bhiodh mu dheidhinn na mara, mu dheidhinn bàthaidhean. Bhathas a' creidsinn gu robh spiorad as a' mhuir ris an canadh iad A' Mhuilgheartach Bhuidhe agus 's e an fheadhainn a b' fheàrr leatha fhèin a bhàthadh i.

Nuair a bhiodh bàthadh ann, bha iad a' dèanamh a-mach gun cumadh a' mhuir an fheadhainn a bha feum aice fhèin air, agus gu robh i a' tilgeil bhuaipe an fheadhainn nach robh gu mòran feum dhith, gu robh i gan tilgeil air tìr agus a-rithist nach fhaighte corp duine a chaidh a bhàthadh ma bha feum aig a' mhuir dha. A' Mhuilgheartach Bhuidhe a chanadh iad rithe."

Bha cuimhne aig Ùisdean air dithis bhàrd cho ainmeil 's a bha anns an Eilean Sgitheanach, Niall MacLeòid agus a bhràthair Iain Dubh Dhòmhnaill nan Òran:

"Bhiodh Niall a' tighinn chun an taigh againne. Bhiodh e a' creic tì airson firm ann an Dùn Èideann agus bha e a' tighinn a h-uile sia mìosan agus bha sinn a' faighinn ceithir puinnd dheug tì. 'S dhèanadh sin an gnothach gun tigeadh e an ath turas.

Agus nuair a thigeadh e bha e a' dèanamh cèilidh mòr a-staigh againn. Bhiodh naidheachdan aige far tìr mòr agus bhiodh naidheachdan aige mu ghnothaichean a bha a' dol san eilean nuair a bha e na bhalach òg e fhèin.

Tha cuimhn' agam, 's e thug dhomh a' chiad tasdan a fhuair mi riamh agus bha dùil agam gun ceannaichinn an saoghal leis. Ged a bha gu leòr againn ri ithe is aodach is caiseairt cha robh an t-airgead pailt agus 's e rud annasach a bh' ann tasdan fhaicinn.

'S e duine còir a bh' ann. Bha e cho sochaireach agus bha a shùilean cho fosgailte, 's bha iad cho liath. Agus bha feusag bheag bhiorach air agus falt is e cho geal, falt liath air. Agus bha aodann, bheireadh tu do mhionnan gur e dealbh, mar a chanas sinn as a' Bheurla, saint a bh' ann.

An aon turas a chunnaic mise riamh e, sin an turas mu dheireadh a dh'fhalbh e agus cha do thill e, an duine bochd. Bha e a-staigh againn agus e a' feitheamh ris a' steamer. Mar a bha a' Hebrides bhiodh i a' tighinn a-staigh dhan a' loch, an t-seann Hebrides, 's bhiodh bàta a' dol a-mach na coinneamh.

Ghabh Iain i a' latha bha seo agus bha e a' feitheamh ris a' steamer a-staigh againn agus bha e a dèanamh cleasan dhuinn. Tha cuimhn' agam, thug e fàinne bho mo mhàthair a bha air a meur agus chuir e ann an tumbler e. Agus dhòrt e an uair sin uisge staigh agus dh'òl e an t-uisge 's a fàinne gu lèir. Cha robh sìon air fhàgail ann. Agus mo mhàthair, cha robh fios aice dè chanadh i. Dh'òl Iain an t-uisge, 's chaidh a fàinne sìos.

Co-dhiù nuair a chunnaic e gu robh iomnaidh oirre mun fhàinne, ars esan, "Cha leig sibh a leas eagal sam bith a bhith oirbh nach fhaigh sibh an fhàinne air ais. Feuchaibh sibhse pòca an aprain agaibh agus gheibh sibh an fhàinne an sin. 'S cha robh i ga chreidsinn, 's chuir i làmh am pòca an aprain a bh' oirre, 's bha an fhàinne ann an sin."

Nuair a bha Ùisdean a' fàs suas an Gleann Dail chuala e iomadh sgeulachd as an taigh-cèilidh mu Iain Dubh agus mar a dh'ionnsaich e na cleasan:

"An eachdraidh a chuala mise air a' chùis, bha e na bhosun aig a' Loch Line, agus bha e air bàta ris an canadh iad Loch Arcaig, a' tighinn a-nall às Astràilia 's chaidh iad air tìr air, chaidh a' wreckadh air a' Bharrier Reef.

Air bòrd innte bha Proifeasair Anderson. 'S e conjurer agus illusionist a bh' ann agus bha nighean aige còmhla ris agus bha i cho math ris fhèin. Shàbhail Iain an nighean agus am Proifeasair agus fhuair iad air tìr.

Chan fhacas agus cha chualas càil riamh timcheall air, às dèidh sin, airson naoi bliadhna. Bha e air falbh naoi bliadhna 's nuair a thàinig e air ais bha e làn dhe na h-innleachdan a bha seo agus 's ann bhon a' Phroifeasair Anderson a bha seo a fhuair e e.

Bhiodh eagal air feadhainn a bhith a' seòladh còmhla ris, nach robh a' tuigsinn gu dè na h-innleachdan a bha aige. 'S bha iad a' dèanamh a-mach gun do chreic e anam ris an t-Sàtan agus gu robh sgoil dhubh aige. Agus bha 'd a' cumail a-mach riamh nach do dh'fhàs ribe feòir air an uaigh aige.

Ach bha mise ann an Canada agus chaidh mi a choimhead air an uaigh aig Iain agus bha an uaigh aige cheart cho gorm ri uaigh eile as an àite.

'S bha mi a' bruidhinn ris an fhear a bha a' coimhead às dèidh a' chlaidh, am Mount Royal Cemetery am Montreal, agus dh'innis mi dha carson a bha mi dèidheil air, a bharrachd air gur ann a mhuinntir an aon àite rium fhìn a bha Iain, gu robh mi airson fhaicinn an robh e fìor nach do dh'fhàs feur riamh air an uaigh aige.

"Tha sin," ars esan, "ceart gu leòr. Cha do dh'fhàs ribe feòir air uaigh sam bith as an oisein tha seo," ars esan, "gu o chionn còig bliadhna air ais nuair a gheàrr sinn na craobhan. Bha na craobhan a bha a' fàs timcheall ann an seo a' toir an t-sùigh a-mach às an talamh uile gu lèir agus cha do dh'fhàs feur ann gus na gheàrr sinn sìos iad."

An dèidh a bhith san Ear-Mheadhanach aig àm a' Chiad Chogaidh, chuir Ùisdean MacRath bliadhnaichean seachad ag obair aig companaidhean bhusaichean, an toiseach ann an Cataibh agus an uair sin air Ghalldachd. Bha ùidh mhòr aige ann an càraichean agus, a rèir coltais, 's e a thug aon de na ciad Model-T Fords dhan Eilean Sgitheanach, turas a thug faisg air seachdain bhuaidhe.

Cha do lean e ri obair nam busaichean fad a bheatha idir. Bha e a' ruith thaighean-òsta ann an Dùn Thuilm san Eilean Sgitheanach, an Drochaid Urchaidh, an Ìle agus an Earra-Ghàidheal. As gach àite, bha fèill mhòr air mar sheinneadair agus mar fhear an taighe.

Chaochail Ùisdean MacRath an Dun Omhain anns a' Mhàrt 1988.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.