Uilleam MacCoinnich (Inbhir Nis)

A rèir An t-Òranaiche aig Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich chaidh an t-òran An Gàidheal 's a Leannan a dhèanamh le "Uilleam MacCoinnnich, Ionarneis".

Rugadh Uilleam MacCoinnich ann an Baile Mhic Phàdraig air oighreachd Chùil Duthail an Inbhir Nis ann an 1748, mac le Dòmhnall MacCoinnich agus Eilidh Fhriseal. Fhuair e deagh fhoghlam ann an sgoil an Inbhir Nis agus bha e an dùil a dhol a dhèanamh a bhith-beò anns na West Indies.

Abair bith dè chùm e gun a dhol a-null thairis, mu 1775 phòs e Seònaid Shiosalach agus ghabh e air mhàl tuathanas air an robh Am Baile Dubh aig Tòrr Darach ann an Srath Narainn. B' ann sa Bhaile Dhubh a thàinig atharrachadh na bheatha.

Greis an dèidh sin ghluais e gu tuathanas air an robh An Cnoc Buidhe.

Bha mu dhusan de theaghlach aig Uilleam agus Seònaid, ach chaochail deichnear aca nan leanabain. Rinn Sìm agus Dòmhnall, an dithis a thàinig gu ìre, an imrich gu Ameireaga.

Airson mu 40 bliadhna, bha Uilleam na mhaighstir-sgoile, ag obair dhan S.S.P.C.K. ann an Leaghais, am paraiste Chrothaidh, mu thrì mìle à Inbhir Nis. Nuair a leig e dheth a dhreuchd ghluais e dhan bhaile far an do chaochail e air 7 Iuchar, 1838, aig aois 90.

Rinn e grunn laoidhean a tha an clò anns an leabhar Metrical Reliques of "The Men" in the North, Bàird na Gàidhealtachd mu Thuath, Laoidhean agus Dàin Spioradail a chruinnich Iain Rose agus a chaidh fhoillseachadh an Inbhir Nis sa bhliadhna 1851. Sgrìobh e laoidhean air cuspairean leithid 'A' Chùbaid', 'Caoidh airson Shioin' agus 'Am Fear Aidmheil'.

Rinn e co-dhiù trì cumhaichean brèagha do Sheònaid, a bhean fad 40 bliadhna, nuair a dh'eug i:

Tha fadachd, tha fadachd
Tha m' fhadachd ro mhòr
Ag ionndrainn na h-aisinn
Bha na taice do m' fheòil.

Chaidh m' Sheònaid-sa dhachaigh
Dh'ionnsaigh cairtealan buan
O gach tinneas is euslaint'
'S o gach peacadh is truaigh';
O gach trioblaid is daors'
Tha san t-saoghal is bròn
A dh'ionnsaidh na tìre
Far eil sìth agus glòir.

Tha mise làn mulaid
Tric a' tuireadh 's mi sgìth
'S mo shùilean a' sileadh
Le bioradh mo chridh';
Aig cuimhneachd do chèill-sa
'S do bheus air gach dòigh
Bidh mis' air mo reubadh
Eadar aoibhneas is bròn.

Bha do bheus-sa ro ainneamh
Measg bhan a fhuair gràs
Ann an tairiseachd inntinn
Am mineachd 's an gràdh;
Cha bu daor leat an èirig
Dhèanadh rèit' agus sìth,
Bhiodh tu bàthadh nan èibhlean
Nuair a dh'èireadh an t-srì.

Bha facail caran eadar-dhealaichte, mar eisimpleir, aig Cairistìona Sheadha às an Hearadh:

Thèid mo leannan leam a phòsadh
Dh'aindeoin 's na tha beò no chailleadh.

Seòlaidh sinn a-null air fairge
'S fàgaidh sinn aig Alba beannachd.

Thèid i leam a-null thar chuantan
Far nach toirear uainn am fearann.

Mar a nithear nar dùthaich
'S fheudar cùl thoir dhi dhar n-aindeoin.

Leam-sa gun tèid mo Mhàiri
Ged a shaoileas càch gu fan i.

Leam-sa gun tèid a' ghruagach
Fo dhubhar nam bruach a' falach.

Leam gun tèid i air mo bhòidse
Air long mhòir nam foresail geala.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.