Uilleam MacCoinnich (Bàrd Cnoc Chùsbaig)

Rugadh Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich ann an Siadar an Rubha, Leòdhas, anns a' bhliadhna 1857. Thàinig cuideachd athair dhan Rubha bho thaobh Loch Seilg air na Lochan agus thàinig màthar Uilleam à Seisiadar, nighean Mhurchaidh Mac 'ill Lèighe.

Bha seachdnar ann an teaghlach athair, sianar bhalach agus aon nighean, agus bha triùir de na mic ri bàrdachd.

B' e Uilleam a b' òige as an teaghlach. Chaidh athair agus dithis bhràthar dha am bàthadh 's iad ag iasgach le lìn-mhòra 's gun e ach òg.

Bha Uilleam agus dithis de bhràithrean, Iain agus Murchadh, a' fuireach air an aon fhearann eadar a' Bhuail'-fheòir is Cnoc Chùsbaig ann an Siadar, agus eadar an triùir, bha aca an "aona mac deug ann de ghillean ciatach" a tha e ag ainmeachadh anns an t-òran Bidh Mo Dhùthaich ri Tighinn air m' Aire.

B' ann à Garrabost a bha bean Uilleim, Màiri nighean Alasdair MhicAoidh. Bha ceathrar chloinne aig Uilleam agus Màiri, triùir mhac, Dòmhnall, Iain agus Alasdair a chaochail mus robh e bliadhna a dh'aois, agus aon nighean Oighrig.

Bha Uilleam agus Màiri pòsta airson fichead bliadhna mus do sgar am bàs iad. Thog an teaghlach orra a Chanada agus lean Uilleam a mhic gu Fort William, Ontario. Mar a chuir e fhèin e:

Anns an dachaigh bh' aig a' bhàrd
Is aig Màiri Nighean Alasdair,
On rinn an dealachadh am bàs
Bidh tràthach air a' chagailt ann.

Tha an teaghlach is iad ri togail uam
Ri dol air chuan do Chanada;
Bho chaidh am màthair do an uaigh
Is e siud thug fuachd don dachaigh orr'.

Is mi dhèanadh deònach leotha falbh,
Nan cùirte marbh mi dhachaigh às
Is gun cùirte laighe mi san ùir
Far bheil mo rùn is Alasdair.

Ma 's e gun toir iad mi air falbh,
'S e i bhith marbh is coireach ris;
'S ma bheir iad mi null air chuan,
Cha tèid mi dh'uaigh bhios fagus dhith.

Cha do smaoinich sinn riamh 's i beò
Gum biodh cuan mòr gar dealachadh;
Gum biodh i adhlaicte air an Aoidh
Is mis fo chraoibh an Canada.

Cha robh Uilleam fada an Canada. Chaochail e ann a' Fort William, Ontario, ann an 1907, agus tha e air adhlacadh an Cladh Mountain View anns a' bhaile.

Stiùireadh a’ BhBC

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.