Uilleam Caimbeul (Willie Teddy)

Uilleam Caimbeul (Willie Teddy)

Rugadh Uilleam Caimbeul, Willie Teddy, ann am Port nan Giùran anns an Rubha, Leòdhas, air 23 Dubhlachd, 1937. 'S e bu shine de na triùir ghillean aig Calum Caimbeul agus Seasaidh Anna NicLeòid à Ùig. 'S e Iain agus Ruairidh a tha air an dithis eile.

Chaidh Uilleam do Bhun-sgoil na h-Àirde agus do Sgoil MhicNeacail agus an dèidh an sgoil fhàgail chaidh e do Cholaiste a' Chaisteil airson comas iùil ionnsachadh.

An dèidh crìochnachadh anns a' Chaisteal chaidh e gu muir domhainn ann an 1955, a' siubhal air feadh an t-saoghail aig companaidhean leithid Tate & Lyle, Bàtaichean Barron, Curries à Lìte agus Crawfords à Lunnainn.

Choinnich e ri Seonag NicÌomhair, Joan Sheonaidh Dhonnchaidh Mhòir à Carlabhagh, aig dannsa air a' Bhac agus phòs iad ann an 1966 agus bha triùir nighean aca - Anna, Caitlin agus Lorraine. Le a bhith air falbh aig muir cha robh Uilleam a' faicinn an teaghlaich ach ainneamh, agus ann an 1971 leig e seachad e.

Fhuair e obair air Abhainn Chluaidh an uair sin, far an robh e ag obair mar boatman, a' dèileigeadh ris na bàtaichean a bha a' ceangal suas anns na docaichean. Rinn e fhèin agus an teaghlach an dachaigh air White Street ann am Partaig. Fhuair an teaghlach buille chruaidh nuair a chaochail Seonag ann an 1980.

Leis cho òg 's bha a' chlann-nighean chuir Uilleam roimhe tilleadh dhachaigh a Leòdhas agus chaidh e a dh'fhuireach còmhla ri mhàthair anns an Rubha gus an deach a' chlann do Sgoil MhicNeacail. Chaidh e an uair sin a dh'fhuireach a Steòrnabhagh, far a bheil e chun an là an-duigh.

Rinn e an t-òran Gad Ionndrainn ann an 1981, a' cur an cèill mar a bha e a' faireachdainn an dèidh bàs Sheonaig. Chaidh an t-òran a sheinn an toiseach le Cairistìona Primrose.

Tha Uilleam air mòran òrain a sgrìobhadh, nam measg 'Eilean Beag Leòdhais', 'Baile M' Àraich' agus 'Eilean M' Àraich', a choisinn dha a' chiad duais aig co-fharpais Seo Seinn ann an 2004.

Tha e fhathast ri bàrdachd agus tha e air òran a dhèanamh bho chionn ghoirid, 'Na Rothan-gaoithe' air cuspair a tha na adhbhar connspaid, na tuathan-gaoithe.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.