Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir)

Tormod Moireasdan (A' Foreigndeir)

Rugadh Tormod Moireasdan, Tormod Eòghainn Chaluim, a' Foreigndeir, ann an Àird an Aiseig ann an Scalpaigh air 19 Samhain, 1921, gille le Catrìona Dhòmhnall 'ic Aonghais. Bha ceathrar bhalach anns an teaghlach, Tormod, Calum, Iain agus Dolaidh, agus aon nighean, Màiri.

Chaidh am far-ainm a' Foreigndeir a thoirt air le co-ogha dha, Dòmhnall Moireasdan, nuair a bha iad a' cluiche nam balaich bheaga, agus lean an t-ainm ris.

Tron chogadh bha Tormod anns a' Chabhlaich Rìoghail agus an dèidh sin bha e anns a Chabhlaich Mharsantachd. Bha e aig muir còmhla ris a' bhàrd Ruaraidh MacLeòid (Ruairidh Cunnartach), neo Harris mar a chanadh iad ris, agus b' esan an "Tormod Eòghainn" a tha air ainmeachadh anns an t-òran Cùlaibh Èirinn.

Bha e ag obair air na bàtaichean iasgaich ann an Scalpaigh, agus thug e greis còmhla ri balaich eile as an eilean ag obair air bàtaichean a bhuineadh do Chaol Àcainn. B' ann air tè air an robh Castle Moil a bha e ag obair. Bha e greis cuideachd ag obair air bàtaichean bathar a bha aig an teaghlach Coineigean ann an Scalpaigh.

Phòs e Mairead NicSuain, Mairead Ruairidh Fhionnlaigh, bhon a' Cheann a-muigh ann a' Scalpaigh, ann an 1958. Chaidh mòran dhan bhanais aca a chlàradh le Fred MacAmhlaigh dhan BhBC agus tha an clàradh seo ann an tasglann a' BhBC fhathast. A bharrachd air òrain agus òraidean, cluinnear na telegraman gan leughadh. Nam measg bha fear a bh' air tighinn às na h-Eileanan Mòra air calman, bho Dhòmhnall Bùidsear, a bha air na h-Eileanan a' buachailleachd chaorach aig an àm.

Goirid an dèidh pòsadh, ghluais Tormod agus Mairead a Dhùn Èideann agus bha Tormod ag obair ann an Lìte, aig Ùghdarras Puirt Foirbhe. Bha iad a' fuireach ann an Glenmore Place, Polwarth, agus ann an Glenlee Gardens ann am Meadowbank.

Ann an 1989, beagan bhliadhnaichean an dèidh do Thormod a dhreuchd a leigeil dheth, thill iad air ais a Scalpaigh, a dh'fhuireach ann an seann dachaigh Mhairead air a' Cheann a-muigh. Fhad 's a bha iad ann an Dùn Èideann, thàinig atharrachadh am beatha Thormoid, agus bhiodh e a' cur a-mach na loidhne anns an Eaglais Shaor ann an Scalpaigh an dèidh tilleadh dhachaigh.

B' e duine èibhinn a bha math air sgeulachd innse a bh' ann an Tormod, a bharrachd air a bhith na dheagh sheinneadair. Sheinn e Cùlaibh Èirinn airson a' chiad uair aig banais a bhràthair, Calum.

Chaochail a' Foreigndeir air 29 Dùbhlachd, 1995, aig aois trì fichead 's a ceithir-deug. Bha a bhean Mairead air siubhal sia mìosan roimhe, anns an Ògmhios. Cha robh bàs eile ann an Eilean Sgalpaigh bho chaochail Mairead gus an do chaochail Tormod.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.