Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd)

Tormod MacLeòid (Am Bàrd Bochd)

Tidsear, bàrd, sgrìobhadair, fear-cruinneachaidh òrain, fear-gleidhidh dualchais agus Sòisealach 's sàr Ghàidheal gu smior - sin Tormod Macleòid ann an dhà no trì fhacail.

Rugadh Tormod Macleòid, no Tormod Chontair mar a b' fheàrr a dh'aithnichear e, air 15 Ògmhios, 1904, ann an Port Bholair san Rubha ann an Leòdhas.

B' e an dàrna duine cloinne a bh' aig Murchadh Macleòid à Pabail agus a bhean Seonag NicCoinnich. B' ann bho theaghlach mòr a thàinig Tormod - bha ceathrar bhràithrean agus còignear pheathraichean aige.

Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil na h-Àird, Àrd-sgoil MhicNeacail, Oilthigh Ghlaschu agus Colaiste Chnoc Iòrdain.

B' ann a' teagaisg a chuir e seachad a bheatha; bha e ag obair ann an grunnan sgoiltean ann an Leòdhas: Grabhair (Na Lochan) 1930-31, Fidigearraidh (Na Lochan) 1935-35, Loch Croistean (Uig) 1935-43, An Cnoc (An Rubha) 1943-52, agus Àrd-sgoil Lìonail (Nis) 1952-68.

Phòs e Mòr Nicleòid à Ranais anns a' bhliadhna 1932, agus bha ceathrar a theaghlach aca - Dollag, Murdo John, Tormod agus Seòras.

Bha Tormod os cionn roinn na Gàidhlig, agus na Iar-cheannard, ann an Sgoil Lìonail. B' e Am Bodach a bhiodh aig a' cloinn-sgoile air, agus a rèir choltais bha e comasach air cuspair sam bith a theagaisg. B' e Tormod cuideachd a stèidhich iris na sgoile, Tàintean, far an robh susbaint mhìorbhaileach ga fhoillseachadh gu cunbhalach sa Ghàidhlig.

B' e duine comasach, iriosal a bh' ann, 's bha e na Shòisealach agus na bhall den Phàrtaidh Làbarach.

Rinn Tormod Macleòid obair mhòr às leth na Gàidhlig agus bhiodh e daonnan a' cruinneachadh agus a' gleidheadh fhacail, beul-aithris, òrain agus bàrdachd.

Thairis air na bliadhnaichean, chaidh mòran de dh'obair Thormoid fhoillseachadh san iris Gairm. B' ann fon ainm Am Bàrd Bochd a bhiodh e a' sgrìobhadh. Chaidh cuid den chruinneachadh aige fhoillseachadh le Gairm san leabhar Bàrdachd à Leòdhas ann an 1969.

Tha cuibhreann mhòr de na sgrìobhaidhean aige fhèin fhathast aig an teaghlach, agus glè airidh air a bhith air am foillseachadh, le farsaingeachd mhòr de chuspairean nam measg. Chaidh iomradh ghoirid a dhèanamh air obair Thormoid anns an leabhar aig Ruairidh MacThòmais, An Introduction to Gaelic Poetry.

Bha Tormod an dùil a dhreuchd a leigeil dheth anns a' bhliadhna 1969, ach chaochail e ron sin e ann an Lìonail air 14mh Sultain 1968, an dèidh a bhith a' fulang le tinneas airson ùine mhòr. Chaidh a thiodhlacadh anns an Rubha.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.