Teàrlach MacMhathain

B' ann à Bràighe Phort Rìgh san Eilean Sgitheanach a bha Teàrlach MacMhathain, Teàrlach a' Phosta. Na latha, tha e coltach gu lìonadh e tallachan air feadh an Eilein Sgitheanaich is daoine a' tighinn a dh'aona-ghnothaich a dh'èisteachd ris na h-òrain as ùire aige.

Cha b' e a-mhàin gu robh na h-òrain aige a' tarraing dhaoine, bha e ainmeil airson eirmseachd. Gheibh sinn sealladh air cho deas-bhriathrach 's a bha e ann an sgeulachd a sgrìobh Alasdair MacNeacail:

"Aig àm agus leasachadh ga chuir ri cidhe Armadail, bha Teàrlach an sin a-rithist mar ceann-feachd. An àm a' gheamhraidh bhite a' cumail cèilidhean ann an talla a' bhaile agus bu chridheil a bhiodh a chuideachd le òrain agus le ceòl, gu h-àraidh nuair a bhiodh Teàrlach a' seinn.

Mar a bha nàdarrach gu leòr bu tric le gillean òga agus nigheanan an àite a bhith a' tadhal nan cèilidhean còmhla ris an luchd-obrach, ach cha robh làthaireachd na h-òigridh idir a' còrdadh ri ministeir a bhuineadh do aon de eaglaisean na sgìre.

Thachair an t-Urramach seo ri Teàrlach aon latha agus dh'fhàiltich e e leis na briathran:

"Cionnas a tha Am Bàrd an diugh?"

Leig Teàrlach air nach robh e ga thuigsinn agus dh'fheòraich e dè a b' àill leis.

Fhreagair an ministeir, "O, nach abair iad Am Bàrd riut?"

"Am Bàrd?" arsa Teàrlach. "Chan eil a' sin ach far-ainm a thug iad ormsa dìreach mar a thug iad Am Ministear oirbh fhèin!"

Bha athair Theàrlaich, Dòmhnall Mòr MacMhathain, fad iomadh bliadhna na phost, a' frithealadh nan sia bailtean beaga a th' ann am Bràighe Phort Righ. Bha e a' fuireach anns an Òlaich. Thug Teàrlach e fhèin greis a' postaireachd ach chuir e seachad a' mhòr-chuid dhe bheatha a' dol gu muir.

B' ann as an nàbachd aige fhèin, bailtean beaga a' Bhràighe, bu tric a lorgadh Teàrlach cuspair mun dèanadh e dàn - Gillean Callainn, caora air an robh Bruingeall, taibhs air an tug e Bodach an t-Saidhbheir, Marbhadh nan Uan, Na Gillean Suirghe, Coileach a' Chìrein, boireannaich a bhiodh a' leughadh nan duilleagan tì faic de bha an dàn dhaibh.

Cha b' e aon òran a rinn e mun "tàcharan de chìobair", Lachlainn Friseal.

Aon thuras tha e coltach gun deach fuaim air feadh a' bhaile gu robh Lachlainn air chall. Chruinnich sean is òg, agus fad dà latha bha iad ga shiubhal gus am facadh e, air madainn an treas latha, a' teàrnadh taobh tuath Ghlàmaig, 's e ag iomain molt roimhe. Bha Teàrlach air, mas fhìor, cumha a dhèanamh dha:

'S beag an t-iongnadh san dùthaich
Ged a bhiodh iad ga ionndrainn,
Fear cho deas ris o chùlaibh
Bhith ga mhùchadh am poll.
Gun robh bròn air a chàirdean
'S gach caileag thug gràdh dha,
Fear cho foinnidh air blàr ris,
Mar chaidh a bhàthadh fon steall.

Fear nan gorm-shùilean meallach
Shealladh ciùin fo chaoil-mhala,
Cas gu dìreadh a' bhealaich
'S aotrom fallain a chom;
'N àm nan uan thoirt gu baile
'S tu gan teàrnadh gu baile
Nuair a reidheadh tu don Ghleannan
Cha bhiodh dad dhiubh air chall.

Fear a dhìreadh a' chruadhlach
Ann an creagan ro uaibhreach
Ann an cas-cheuman gruamach
Cha tèid tuaineal na cheann;
Fear na h-inntinne as treise
Fear gun ghìomh no gun eagal
Reidheadh gu sunndach a chleasachd
Far nach seasadh am meann.

Fear a b' aotroma ceumaibh
Dol ri aodann na beinne
Fear a chluicheadh 's a sheinneadh
Fear a leumadh sa Mheall;
Fear san iomain bu luaithe
Fear nam buillean bu chruaidhe
Bhiomaid cinnteach a buannachd
Nuair a bhuaileadh e bhall.

Rinn e cumha ann an da-rìribh do dh'fhear Iain MacNeacail a chaill a bheatha anns a' Chiad Chogadh mòr:

Nach duilich gun d' sheòl thu à Cluaidh
Air iubhraich nach gluais gu cheò;
Cur cùlaibh ri d' chàirdean 's do shluagh
'S tu gabhail a' chuain fo d' shròin.
'S tu 'n dòchas gun tachradh riut buaidh
'S an dùthaich san d' fhuaireadh òr;
An àite sin uile, 's e fhuair sinn
Achmhasan cruaidh a bhròin.

Dh'fhàg thu sinn uile ad dhèidh
Mar aiteal den ghrèin air tràigh
Bu tùrsach do chàirdean gu lèir
Bu tùrsach mi fèin thar chàich.

Ged a b' e òrain èibhinn a' tarraing à muinntir a' Bhràighe bu mhotha a rinn Teàrlach, tha corra òran gaoil leis air lorg, ged nach eil e an còmhnaidh soilleir an ann da-rìribh a bha e:

Nighean ghrinn òg don tugainn mo rùn,
Don tugainn mo ghealladh 's cha b' aithreachas leam:
A rìbhinn òig is clannaiche cùl,
Tha mise gun shunnd on dhealaich sinn.

Cha do phòs Teàrlach a' Phosta a-riamh agus chaochail e ann an 1937.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.